Is e dleastanas MG ALBA (ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) fo Achd Chonaltraidh 2003 dèanamh cinnteach gu bheil deagh phrògraman Gàidhlig rim faotainn airson dhaoine ann an Alba.

MG Alba
buidheann
Cur air cois2003 Deasaich
SponsairRiaghaltas na h-Alba Deasaich
DùthaichRìoghachd Aonaichte Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailNa h-Eileanan Siar Deasaich
Prìomh-àite rianachdSteòrnabhagh Deasaich
Riaghlaichte leOfcom Deasaich
Làrach-lìnhttp://www.mgalba.com/ Deasaich

Ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, tha MG ALBA air BBC Alba, an t-seirbheis dhidseatach Ghàidhlig, a stèidheachadh.

Tha e mar phrìomhachas aig MG ALBA cothrom-sgaoilidh BBC ALBA a ghlèidheadh air a h-uile ùrlar didseatach agus craoladh sa Ghàidhlig a dhèanamh seasmhach san àm ri teachd. Tha MG ALBA cuideachd ag obair còmhla ri riochdairean airson leasachadh, trèanadh agus cleachdadh Gàidhlig mar chànain-obrach a’ ghnìomhachais-riochdachaidh a bhrosnachadh.

Tha MG ALBA air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus air a riaghladh le Ofcom.[1]

Reachdas deasaich

Chaidh Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a stèidheachadh fo ullachadh Achd Conaltraidh 2003, Earrannan 208-210, gus dèanamh cinnteach gum bi sreath fharsaing agus measgaichte de dheagh phrògraman Gàidhlig air an lìbhrigeadh tro chraoladh no eile gu sluagh na h-Alba.

Tha ùghdarras air a thoirt do MG ALBA airson prògraman a dhèanamh agus ceadan craolaidh a chumail a bharrachd air an fheadhainn shònraichte air an liostadh ann an Earrann 208 (4B) de Achd Conaltraidh 2003. Tha i air cumhachdan agus dleastanasan maoineachaidh a ghabhail a-staigh a thaobh maoineachadh phrògraman Gàidhlig, trèanadh, rannsachadh agus obair cho-cheangailte fo Earrannan 183 agus 184 de Achd Craolaidh 1990, Earrannan 32 agus 95 de Achd Craolaidh 1996 agus Pàipearan-taic co-cheangailte riutha.

Chaidh uallach airson maoineachadh MG ALBA a thoirt gu Ministearan Albannach fon òrdugh seo: The Scotland Act 1998 (Transfer of Functions to the Scottish Ministers etc.) Order 1999 (SI 1999 No. 1750).[2]

BBC Alba deasaich

Tha MG ALBA agus am BBC ag obair còmhla, a' craoladh BBC ALBA, an seanail telebhisean Gàidhlig. Bhon latha a thòisich BBC ALBA air an 19mh Sultain 2008, ’s e prìomh rùn a th' air a bhith aig MG ALBA a bhith a’ ruith agus a’ toirt fàs air an t-seanail ann an co-bhann leis a’ BhBC.

Tha co-obrachadh agus com-pàirteachas aig cridhe na h-obrach e agus le ar com-pàirtichean leithid Bòrd na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean is Alba Chruthachail tha sinn a’ strì airson agus gum bi a Ghàidhlig air a cluinntinn agus air a cleachdadh gu nàdarra agus gu bitheanta sna meadhanan agus ann am beatha shòisealta agus culturail na h-Alba.

Tha am buidheann, a tha air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus air a riaghladh le Ofcom, stèidhichte ann an Steòrnabhagh le làthaireachd anns an Eilean Sgitheanach, Inbhir Nis agus Glaschu. ‘S e ar gealladh gur toir sinn spionnadh is brosnachadh tro nam Meadhanan agus tron Ghàidhlig.[3]

Film G deasaich

Chaidh FilmG a chur air bhog le MG ALBA ann an 2008 leis an amas tàlant ùr a thoirt gu bàrr a thèid a leasachadh airson BBC ALBA. 'S e co-fharpais fhilmichean goirid Gàidhlig a th' ann an FilmG.[4]

Aistean co-cheangailte deasaich

Tùsan deasaich

  1. MG Alba: Dleastanas
  2. Reachdas
  3. Mu MG Alba
  4. Mu MG Alba

Ceanglaichean a-mach deasaich