’S e beinn ann an Srath Chluanaidh air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr nan Conbhairean. Tha i 1,109m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Gleann Afraig eadar Càrn Ghluasaid agus Sàil Chaorainn. 'S e an sreath de bheanntan sin a' chiad fhear a chithear nuair a thigear a Chinn Tàile bho Ghleann Moireasdan. Tha an t-ainm a' toirt iomradh air neach a choimheadas às dèidh chon[1].

Sgùrr nan Conbhairean

Sgùrr nan Conbhairean bhon Cràileag
Àirde (m) 1,109
Àirde (tr) 3,638
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Sgùrr nan Conbhairean is located in Alba
Sgùrr nan Conbhairean
Sgùrr nan Conbhairean (Alba)
Suidheachadh Srath Chluanaidh
Mapa cumadh-tìre Landranger 34
Explorer 414
Comharradh-clèithe NH13001388

Mar as trice bithear ga streap bho Loch Cluanaidh gu dìreach agus ga cheangal le Càrn Ghluasaid agus Sàil Chaorainn. Dh'fhaodadh tilleadh tro Dhrochaid an Tuill Easaich agus Meall Breac[2].

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile, Gleann Afraig agus Chnòideirt.

Iomraidhean

deasaich
  1. Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d. 148
  2. Càrn Ghluasaid, Sgùrr nan Conbhairean agus Sàil Chaorainn air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: