A' Chràileag
’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ anns A' Chràileag[1] agus A' Chràlaig[2]. Tha i 1,120m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Gleann Afraig air taobh tuath Gleann Seile.
A' Chràileag | |
---|---|
A' Chràileag bho Aonach Meadhoin. | |
Àirde (m) | 1,120 |
Àirde (tr) | 3,675 |
Àirde rinneach (m) | 786 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Cinn Tàile |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 33 Explorer 414 |
Comharradh-clèithe | NH094148 |
Mar as trice bithear ga streap bho Chluanaidh gu dìreach agus ga cheangal le Mullach Fraoch-choire. Dh'fhaodadh tilleadh tron Chaorann Mhòr, gleann a tha a' ceangal Gleann Afraig agus Gleann Seile.[3]. Bidh cuid ga dhìreadh bho Ghleann Afraig.
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Gleann Afraig.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Ordnance Survey Explorer 414
- ↑ Peter Drummond (1991) Scottish Hill and Mountain Names. Scottish Mountaineering Trust, d. 126
- ↑ A' Chràileag agus Mullach Fraoch-choire air Walkhighlands