’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr an Lochain. Tha e 1,004m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh dheis Gleann Seile.

Sgùrr an Lochain

Sgùrr an Lochain agus Loch Cuaich
Àirde (m) 1,004
Àirde (tr) 3,293
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Sgùrr an Lochain is located in Alba
Sgùrr an Lochain
Sgùrr an Lochain (Alba)
Suidheachadh Cinn Tàile
Sreath bheanntan Druim Deas Ghleann Seile
Mapa cumadh-tìre Landranger 33
Explorer 414
Comharradh-clèithe NH00581043

Gheibhear dhan mhullach bhon rathad A87 aig Eas nan Arm thairis air Sgùrr Beag. Dh'fhaodadh cromadh gu dìreach bho Sgùrr an Lochain. Bidh cuid ga cheangal le Creag nan Damh agus Sgùrr an Doire Leathainn air neo fiù 's leis na beanntan eile air an druim seo, ach bheir seo 9-11 uairean a thìde [1]

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile, Loch Cuaich agus Chnòideirt.

Iomraidhean

deasaich
  1. Druim Deas Ghleann Seile air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich