Sgùrr an Doire Leathainn
’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr an Doire Leathainn. Tha e 1,010m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh dheis Gleann Seile.
Sgùrr an Doire Leathainn | |
---|---|
Sgùrr an Doire Leathainn bhon ear-thuath | |
Àirde (m) | 1,010 |
Àirde (tr) | 3,313 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Cinn Tàile |
Sreath bheanntan | Druim Deas Ghleann Seile |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 33 Explorer 414 |
Comharradh-clèithe | NH01520989 |
Gheibhear dhan mhullach bhon rathad A87. Bidh cuid ga cheangal le Creag nan Damh agus Sgùrr an Lochain air neo fiù 's leis na beanntan eile air an druim seo, ach bheir seo 9-11 uairean a thìde [1]
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile, Loch Cuaich agus Chnòideirt.