’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Creag nan Damh. Tha e 918m de dh’àirde agus ’s e a' Bheinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh dheis Gleann Seile.

Creag nan Damh

Creag nan Damh bhon iar-dheas
Àirde (m) 918
Àirde (tr) 3,012
Àirde rinneach (m) 189
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Creag nan Damh is located in Alba
Creag nan Damh
Creag nan Damh (Alba)
Suidheachadh Cinn Tàile
Sreath bheanntan Druim Deas Ghleann Seile
Mapa cumadh-tìre Landranger 33
Explorer 414
Comharradh-clèithe NG983112

Tha an t-ainm a' toirt iomradh air fèidh a tha pailt anns an sgìre.

Gheibhear dhan mhullach bhon rathad A87 aig Eas nan Arm no 3km nas fhaide dhan iar. Bidh cuid ga cheangal le Sgùrr Beag, Sgùrr an Lochain agus Sgùrr an Doire Leathainn air neo fiù 's leis na beanntan eile air an druim seo, ach bheir seo 9-11 uairean a thìde [1]

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Chnòideirt.

Iomraidhean

deasaich
  1. Druim Deas Ghleann Seile air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich