Santa Rosa de Osos
Santa Rosa de Osos
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Antioquia | ||||
Àirde | 2550m | ||||
Co-chomharran | 06 38' 50' Tuath 75° 27' 38' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 812 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 31,025 (2005) | ||||
Dlùths | 38.21/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
‘S e baile meadhanach agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) ann an Antioquia, Coloimbia,[1] a th’ ann an Santa Rosa de Osos. Tha e suidhichte aig 2,550m os cionn ìre na mara agus 74km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd mheadhanach dhe 15˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1636.
Sluagh a' bhaile
deasaichTha 14,703 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 31,025 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Santa Rosa de Osos, ach tha 16% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 91.3% dhe na daoine ann an Santa Rosa de Osos leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 45.3% nan dachaigh.[5]
Eachdraidh
deasaichMus an do ràinig na Spàinntich, b' e Tùsanaich air an robh na Nutabes a bha nan tàmh an seo agus chanadh gu robh iad gu math fiadhach. Bha iad gu math sgileil ri cotan agus òr a dhèanamh. Bha structar sòisealta prìomh-athaireil aca agus bha iad a' creidsinn anns a' bheatha an deidh a' bhàis agus chuireadh iad uidheamachd, seòid, biadh agus aodach anns na tuaman. 'S e gleann mòr a th' anns an sgìre seo far a bheil am baile fhèin an latha an-diugh agus, ann an 1541, b' e ceannsaiche Spàinnteach air an robh Francisco Vallejo a bha a' chiad duine bho thall thairis a chunnaic an t-àite. B' e esan a thug an t-ainm Gleann nam Mathan (Valle de los Osos) dhan sgìre air sàilleabh cho pailt a bha mathain aig an àm. Mu 1600 bha fios aig na Spàinntich nach robh an t-òr idir gann. Ràinig na ciadan an torr air an òr agus chaidh am baile fhèin a chithear a-nis a stèidheachadh ann an 1636 le Antonio Serrano de Espejo, a bha an urra ri Èigheachd Rìoghail a dhèanamh. Ann an 1659 chaidh paraist a thogail leis an urramach Vasco Jacinto de Contreras y Velarde, easbaig Phopayán. B'e San Jacinto de los Osos an t-ainm a chuireadh air. Dh' atharraich an t-ainm gu Villa de Nuestra Señora de los Osos ann an 1798 agus, mu dheireadh thall, chuireadh Santa Rosa de Osos air ann an 1811.
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Santa Rosa de Osos. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Clachain
deasaich- Llanos de Cuiva
- Santa Ana