An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Clàr pillteach"

Content deleted Content added
duilleag a chruthachadh
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 20:09, 30 dhen Iuchar 2015

'S e siostam airson na h-eileamaidean cheimigeach a chur air dòigh a tha ann an clàr pillteach no clàr nan eileamaidean.[1]

'S e ùinean a tha anns na sreathan a' chlàr agus buidheannan a tha anns na colbhan. Tha an clàr seo cuidheachail air sgàth 's gu bheil na feartan de aon eileamaid coltach ri na feartan eile anns an aon bhuidheann, mar eisimpleir na haloideanan, na gasaichean uasal, na meatailtean alcalaidh agus na meatailtean talmhaidh alcaileach. Àireamhaichear na buidheannan bho 1, na meatailtean alcalaidh, do 18, na gasaichean uasal. Tha an t-siostam seo a' cur an aite nan siostam neo-chòrdail Eòrpaich agus Aimeirigeanaich.

Cudromach cuidheachd a tha na blocan san clàr. Tha buidheannan 1, 2 agus 18 sam bloca-s, 13 do 17 sam bloca-p, scandium, itrium agus buidheannan 4 do 12, na meatailtean trastach, sam bloca-d agus an t-sreath nan lantanach is an t-sreath nan actanach sam bloca-f.

Eachdraidh

Ann an 1869 dh'fhoillsich Dmitri Mendeleev a' chiad chlàr pillteach. Rinn e dà rud cudromach: chuir e beàrnan sa clàr agus bhris e an òrdugh cruaidh an tomaid atamach, mar eisimpleir le telurium agus aidhodain, far an robh an eileamaid mì-choltach ri na h-eileamaidean eile san aon bhuidheann, Ris a' dhòigh seo b' urrainn dha na feartan de ghailium agus ghearmainium a ro-innse.

Clàr pillteach
H He
Li Be B C N O F Ne
Na Mg Al Si P S Cl Ar
K Ca Sc Ti V Cr Mn Fe Co Ni Cu Zn Ga Ge As Se Br Kr
Rb Sr Y Zr Nb Mo Tc Ru Rh Pd Ag Cd In Sn Sb Te I Xe
Cs Ba * Hf Ta W Re Os Ir Pt Au Hg Tl Pb Bi Po At Rn
Fr Ra ** Rf Db Sg Bh Hs Mt Ds Rg Cn Nh Fl Mc Lv Ts Og
* La Ce Pr Nd Pm Sm Eu Gd Tb Dy Ho Er Tm Yb Lu
** Ac Th Pa U Np Pu Am Cm Bk Cf Es Fm Md No Lr

Iomraidhean

  1. http://www.anseotal.org.uk/results.jsp?query=cl%C3%A0r%20nan%20eileamaidean