Dmitri Mendeleev
B’ e ceimigear Ruiseach a bh’ ann an Dmitri Ivanovich Mendeleev (Ruisis: Дми́трий Ива́нович Менделе́ев).
Rugadh e sa bhliadhna 1834 ann an Tobolsk, Siberia. Ghluais an teaghlach aige do Sankt Peterburg ann an 1849, far an do chaochail e air 2 an Gearran 1907.
Tha e ainmeil airson an obair a rinn e a' sgrìobhadh a' chiad chlàr pillteach de na h-eileamaidean ceimigeach.
Tha ainm na h-eileamaid cheimigeach mendelevium a' tighinn à ainm an duine fhèin, Mendeleev.