S e eileamaid cheimigeach a tha ann an haidridean le samhla H agus àireamh atamach 1.[2]

Haidridean
Tiùb di-neartachaidh haidridein.
Clàr pillteach
H He
Li Be B C N O F Ne
Na Mg Al Si P S Cl Ar
K Ca Sc Ti V Cr Mn Fe Co Ni Cu Zn Ga Ge As Se Br Kr
Rb Sr Y Zr Nb Mo Tc Ru Rh Pd Ag Cd In Sn Sb Te I Xe
Cs Ba * Hf Ta W Re Os Ir Pt Au Hg Tl Pb Bi Po At Rn
Fr Ra ** Rf Db Sg Bh Hs Mt Ds Rg Cn Nh Fl Mc Lv Ts Og
* La Ce Pr Nd Pm Sm Eu Gd Tb Dy Ho Er Tm Yb Lu
** Ac Th Pa U Np Pu Am Cm Bk Cf Es Fm Md No Lr
Buadhan
Samhla H
Àireamh 1
Buidheann 1
Ùine 1
Bloca s
Seòrsa Neo-mheatailtean
Buadhan stuthach
Dath Gun dath
Teothachd leaghaidh 13.99 K ​(−259.16 °C, ​−434.49 °F)
Teothachd goilidh 20.271 K ​(−252.879 °C, ​−423.182 °F)
Buadhan atamach
Tomad atamach/Da (1.00784–1.00811) [1]
Comh-dhealbhadh atamach 1s
Cor ogsaideachaidh +1, –1
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 1312.05
Hydrogen Spectrum Test

'S e gas dà-atamach aig an teothachd sheòmair a tha ann. 'S e an atam as aotruime agus as lugha a tha ann an atam haidridein. Tha trì iosatòpaichean cumanta de haidridean, 1H (seasmhach),[3] 2H no deuterium (seasmhach) agus 3H no tritium le leth-bheatha 4500 làithean.[4]

Taisgealadh

deasaich

Ann an 1671 dh'ainmich Henry Cavendish an gas a tha an iom-obrachadh eadar meatailtean agus searbhag "adhar lasanta". Ann an 1783 dh'ainmich Antoine Lavoisier an gas sin "hydrogène" o chionn 's gu bheil haidridean a' cinneasachadh uisge nuair a tha i a' losgadh.

Reul-eòlas

deasaich

Anns an tràchdas aice, dhearbhaich Cecilia Payne-Gaposchkin gu bheil a' Ghrian agus na reultan eile dèanta de haidridein.

Cleachdadh

deasaich

Tha am pròiseas Haber a' cruthachadh amòinia airson stuth-mathachaidh is stuth-spreadhaidh à haidridean agus naitridean. Chleachdadh haidridean ann an longan-adhair ach tha e ro spreadhach. An dèidh don spreadhaidh an luing-adhair Hindenburg ann an 1937 tha longan-adhair a' cleachdadh helium.

Cleachdar deuterium ann an readhactaran niùclasach agus ann an speactromachd.

Cleachdar tritium airson solasachadh ann an uaireadairean agus soidhnichean.

Iomraidhean

deasaich
  1. Standard Atomic Weights”. Commission on Isotopic Abundances and Atomic Weights. Air a thogail 27mh dhen Chèitean 2017.
  2. haidridean”. An Seotal. Air a thogail 27mh dhen Chèitean 2017.
  3. Air an àbhaist canar 1H "haidridean" ach tha an t-ainm "protium" cuideachd ann; faic “IUPAC Gold Book - Protium(Beurla). Air a thogail 27mh dhen Chèitean 2017.
  4. http://nvlpubs.nist.gov/nistpubs/jres/105/4/j54luc2.pdf