An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Castel Gandolfo"
Created page with "{{Template:Baile | AINM = Castel Gandolfo | BRATACH = 600px Bianco e Blu.svg | LÙIREACH = | LÙIREACH_LEUD = 50 | MAPA = Castel Gandolfo.jpg | DÙTHAICH = File:Flag ..." |
(Gun diofar eatarra)
|
Mùthadh on 19:15, 22 dhen Ghearran 2013
Castel Gandolfo
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Eadailt | ||||
Ceàrn | Lazio | ||||
Co-chomharran | 41° 50′ 00 Tuath 12° 39′ 00 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 14.71 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 9,037 (2010) | ||||
Dlùths | 614.34/km² | ||||
Àireamh fòn | +39 0693 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile meadhanach ann am meadhan na h-Eadailt a th’ ann an Castel Gandolfo neo dìreach Castello (IPA: kaˈstɛl ɡanˈdɔlfo, Laideann: Castrum Gandulphi). Tha e suidhichte aig 307m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh Loch Albano, anns an sgìre (Eadailtis: Provincia) Roma, anns an roinn (Eadailtis: Regione) Lazio, 22km air falbh bhon An Ròimh, prìomh-bhaile na dùthcha, 310km bho Mhilano, 413km bho Phadova agus 252km bho Fhirenze.[2] Tha 9,037 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[3] ‘S ann às an Teaghlach Gandolfo, daoine à Lombardia san taobh a tuath na dùthcha a th an t-ainm. Thoisich Pàpa Urban VIII ri Lùchairt-samhraidh fhaighinn ann an Castel Gandolfo anns an 17mh Linn. A bharrachd air sin, ‘s e sgìre am broinn Stàitean nam Pàp ro Aonadh na h-Eadailt a bh'ann. Tha dithis phàp air bàsachadh ann an Castel Gandolfo: Pàpa Pius XII agus Pàpa Pòl VI.