'S e fàidh a bha ann an Coinneach Odhar, Fiosaiche Bhrathainn.

Coinneach Odhar
Beatha
Breith Ùig, linn XVII
Dùthaich  Alba
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd

Fiosachd

deasaich

Bha na seann Ghàidheil a' creidsinn gu làidir ann am fiosachd no an taibhsearachd. Gu tric chanadh iad an dà-shealladh ris. Bha iad dhen bheachd gun robh daoine àraidh ann aig an robh comas neo-àbhaisteach a bhith a' faighinn eòlais, chan ann a-mhàin air rudan a bha falaichte bho dhaoine eile, ach cuideachd air rudan a bha gu teachd.

Cha robh na daoine aig an robh a' ghibht seo a' dèanamh uaill aiste, is ann a bhiodh iad toilichte a bhith às a h-eugmhais. Abair gun coinnicheadh tu fhèin ri caraid air an rathad. Chitheadh tusa e na aodach àbhaisteach ach nan tachradh an taibhsear ris an aon duine agus e dlùth ri bàs, chitheadh an taibhsear e na aodach-mairbh. Chanadh tu nach be gibht a dh'iarradh duine a bhiodh an sin!

Coinneach Odhar

deasaich

Am measg taibhsearan na Gàidhealtachd b' e Coinneach Odhar Fiosaiche a b' ainmeile. Bha urram aig Coinneach mar fhàidh na dhùthaich fhèin oir bha a chliù mar fhiosaiche air a chraobh-sgaoileadh air fad an Taoibh Tuath, agus eadhon an-diugh cluinnear gu tric iomradh air na rudan neo-àbhaisteach a labhair e.

Cha robh eòlas aig daoine air ach o bheul-aithris ach chaidh iomradh fhaighinn air ann an eachdraidh. Bha seo ann an seann phàipear a bha air a sgrìobhadh ann an Laideann, leis an luchd-riaghlaidh, anns a' bhliadhna 1577, mu àm Rìgh Seumas VI.

Tha Coinneach air ainmeachadh anns a' phàipear seo mar Keonoch Owir, fìor dhraoidh. Tha ùghdarras bhon Chrùn air a thoirt do shiorram Chrombaidh a chur an sàs airson na h-obrach chronail ris an canadh iad an Sgoil-dubh. Faodaidh e a bhith gun d' fhuair am Fiosaiche droch ainm airson rudan de nach robh e ciontach, ach a rèir lagha nan làithean ud, bha luchd-draoidheachd air an cur gu bàs, ged nach eil fhios againn ciamar a chaidh do Choinneach.

Co-dhiù, chan eil e coltach gun deach a chliù càil na bu lugha am measg an t-sluaigh aig an àm, no an dèidh sin. Seach gun tàinig na sgeulachdan eile a tha againn mu Choinneach a-nuas tro na linntean le beul-aithris, bha cunnart ann gun deigheadh mòran a chur riutha. Feumar aideachadh cuideachd gu bheil mòran den fhàisneachd a tha air a h-ainmeachadh air Coinneach glè choltach ri fàisneachd Tòmas nan Rann, fiosaiche ainmeil eile a bhuineadh don Ghalldachd, agus a bha beò ri linn Rìgh Alasdair III, mu thrì cheud bliadhna ro àm Choinnich.

Bhiodh na Gàidheil eudmhor mu chliù am fàidh fèin, agus is dòcha gun cuireadh iad facail le Tòmas ann am beul Choinnich.

Ach a dh'aindeoin sin, chaidh iomradh air fàisneachd Choinnich air feadh na dùthcha, agus tha e glè shoilleir gun robh buaidh mhòr aig an Fhiosaiche air inntinnean an t-sluaigh. Bha aithne aca air cuid de nithean mun do labhair e, agus an uair a thachair rudan àraidh, bha daoine a bha toinisgeil gu leòr den bheachd gun robh seann fhàisneachd, air an robh iad eòlach fada roimhe sin, air a coileanadh.

Mar a thachair a thaobh a' Ghreugaich chliùitich sin, Homer, chan eil fhios le cinnt càite an do rugadh Coinneach, ach b' e beachd a' mhòr-shluaigh gum b' e Baile na Cille ann an Ùig, Eilean Leòdhais àite a bhreith. Bha iad a' creidsinn gun do rugadh e mun t-seachdamh linn deug, ach bhon phàipeir air an deachaidh bruidhinn mu thràth tha fhios againn a-nis gun robh e beò còrr is ceud bliadhna roimhe sin.

Tha caochladh sgeulachdan neònach air an innse mu làithean òige Choinnich. Tha e air a ràdh gun d' fhuair e grèim uaireigin air cloich a bha anabarrach bòidheach an dath is an cumadh, is toll tro meadhan. An uair a bheireadh e sùil troimhpe chitheadh e sealladh air rudan a bha gu teachd.

Bha feadhainn a' cantainn gun d' fhuair e a' chlach dhìomhair seo bho thaibhse nighean rìgh Lochlainn. Ceudan bliadhna roimhe sin chaidh am bàta air an robh a' bhean-uasal seo a' seòladh a chall mu chladaichean an iar Leòdhais.

Tha cuid eile ag ràdh gun do thuit e aon là ann an cadal trom, is e na laighe air cnoc, agus nuair a dhùisg e, dh'fhairich e a' chlach chruaidh fodha. Tha cuid eile ag ràdh gun robh e aon là a-muigh air a' mhonadh na aonar, agus gun tàinig e air a' chloich ann an nead fithich. Bha iad a' cantainn gun do chaill e sealladh tè de a shùilean a' chiad uair a choimhead e tron chloich, agus gun robh e dall air an t-sùil sin riamh an dèidh sin.

Mheudaich cliù Choinnich mar fhiosaiche leis an fhàisneachd a rinn e mu cheannard Chlann Mhic Choinnich, Triathan ainmeil Chinn t-Sàile, aig an robh mar shuaicheantas Cabar an Fhèidh, agus a bha a' còmhnaidh ann an seann Chaisteal Bhrathainn.

Tha e coltach gun deach Coinneach agus Baintighearna Bhrathainn a-mach air a chèile an uair a labhair e mu a fear-pòsta agus 's math dh'fhaoidte mu a deidhinn fhèin, rudan nach bu mhath leatha a bhith cluinntinn. Bha fhios aice nach toireadh am marbh fianais, agus chuir i air gun robh e ri draoidheachd. Chaidh am fiosaiche a chur gu bàs ann am baraille tearra, faisg air far a bheil an taigh-solais na sheasamh an-diugh air Rubha na Cananaich, an taobh an ear de Shiorrachd Rois.

Bha a' Bhaintighearna am measg an fheadhainn a lean e gus an àite sin. Is ann an uair a bha iad a' magadh air, air an rathad, a thionndaidh e rithe, agus a rinn e an fhàisneachd ainmeil mun cluinnear gu tric fhathast.

"Tha mi a' faicinn," ars esan, "an t-Iarla Shìophort mu dheireadh a bhios ann an Caisteal aosta Bhrathainn. Cha bhith Àrd-thriath Chinn t-Sàile ann tuilleadh na dhèidh, agus bithidh oighreachd Chinn t-Sàile nan àrd-bheann aig coigrich. Bithidh an Triath mu dheireadh bodhar, balbh. Bithidh ceathrar mhac aige, agus chì e an ceathrar roimhe san uaigh. Bithidh e na dhuine brònach truagh, agus fhios aige nach bidh duine a bhuineas dha a' tighinn às a dhèidh."

Ge b' e air bith cò a chur na briathran gruamach seo ri chèile, thàinig iad a-nuas thugainn tro iomadh linn, agus bha iad air bilean dhaoine fada mun tàinig air teaghlach aosmhor Chinn t-Sàile deuchainnean cho goirt. Bha sluagh ag ràdh gun robh iad sin glè choltach ris na rudan air an robh an fhàisneachd a' labhairt.

A bhàs

deasaich

Anns a' bhliadhna 1815, an uair a chaochail an Triath mu dheireadh, ged bu duine-uasal e a bha ro chliùiteach ann an seirbhis a' Chrùin, bha mòran de na thachair dha coltach ris an fhàisneachd.

"Rugadh an duine chum carraid mar a dh'èireas na sradan suas", mar sin ag ràdh nach fheum duine fàidh airson innse gum bidh a' bheag no a' mhòr de dhoilgheasan aig gach duine. Ach tha e duilich a thuigsinn ciamar a bha an fhàisneachd seo cho leanmhainneach a thaobh teaghlach Bhrathainn.

Bha an Triath mu dheireadh a bh' ann an Cinn t-Sàile bodhar tro thinneas na òige, ach ged a bha e caran liotach, cha robh e balbh. Bha fios aig Sir Walter Scott air an fhàisneachd, agus an deireadh làithean an Triatha seo bha e a' faicinn mar a bha suidheachadh an teaghlaich agus briathran na fàisneachd a' tighinn ri chèile.

An uair a chuala e mu a bhàs, sgrìobh e an cumha sin ris an abrar "Lament for the Last Seaforth", anns a bheil e ag ràdh, an dèidh iomradh a dhèanamh air gach trioblaid a thàinig air Ceann-cinnidh Chloinn Choinnich:

"Of the line of MacKenneth remains not a male
To bear the proud name of High Chief of Kintail."

Chaochail triùir mhac an Triatha seo roimhe fhèin. B' èiginn dha le cion airgid oighreachd Chinn Tàile a reic, agus an dèidh a bhàis reiceadh Eilean Leòdhais, agus oighreachdan eile a bhuineadh don teaghlach.

Dìleab eachdraidheil

deasaich

Ann a bhith a' toirt dhuibh beagan eile de sgeulachdan mun fhiosaiche seo, chan iarradh sinn gum biodh sibh gan gabhail gu lèir mar an fhìrinn oir is dòcha gur e faoineas a tha ann am mòran dhiubh. Ach dh'iarradh sinn gun dèanadh sibh beagan tuigsinn air cò às a dh'èirich na sgeulachdan seo gus an tig sibh gu bhith creidsinn gu bheil dìomhaireachd mhòr timcheall air ur beatha air an talamh agus gu bheil an Cruinne-cè da-rìribh iongantach.

Na bitheadh e a' cur eagail oirbh ach aig a' cheart àm bithibh a' toirt urraim dha. Cha leig sibh a leas a bhith fo eagal anns an oidhche ma chluinneas sibh sgread na caillich-oidhche anns a' choille, no an uair a chì sibh an teine-dealain air seann mhaide daraich aig taobh an rathaid mhòir, no an dreag a' siubhal gu soilleir tron adhar.

A-nis, 's dòcha gu robhas a' faicinn Choinnich mar dhuine neònach na latha, ach cha bhiodh e air a mheas am measg an t-sluaigh mar dhroch dhuine. Bhiodh iad a' coimhead air an taibhsear mar neach aig an robh spiorad a fhuair saorsainn bho gach cleachdadh amaideach, air dhòigh is gun robh comas aige air rudan fhaicinn 's a chluinntinn nach robh aig daoine eile.

Rinn Coinneach fiosachd mu bhlàr fuilteach a bha dol a ghabhail àite agus an dèidh a' bhlàir mar a shàsaicheadh am fitheach e fhèin le fuil laoch fad thrì làithean. A rèir beul-aithris, bha grunnan àitean anns am faodadh an cath oillteil seo a bhith air a chur, agus tha aon dhiubh faisg air baile Inbhir Nis. Aig àm a' Chogaidh Mhòir, chuala na croitearan a bha fuireach os cionn Loch Nis, ann an àite iomallach, crònan eagalach anns an adhar mu mheadhan-oidhche. B' e seo soitheach-adhair Gearmailteach a chaidh air chall air na monaidhean. Am b' iongnadh ged a bhiodh fàisneachd Choinnich Odhair a' tighinn an cuimhne nan croitearan?

Bha aithne aig an Ollamh Tormod MacLeòid, Caraid nan Gàidheal, air an fhiosachd mu theaghlach Dhùn Bheagain, is e sin gun deigheadh Tormod nan Trì Tormod a mharbhadh ann an tubaist an uair a dheigheadh sealltainn air Bratach shìth Chloinn Leòid an uair mu dheireadh.

Bha an t-Ollamh còir air chuairt ann an Caisteal Dhùn Bheagain anns a' bhliadhna 1799. Thachair do ghobha Gallda a bhith ag obair mun Chaisteal, agus aon là dh'innis e don Ollamh gun robh a' chiste iarainn anns an robh a' bhratach air a glasadh gu bhith air a fosgladh. Bha Tormod an làthair aig àm fosgladh na ciste, agus an taobh a-staigh dhith bha bocsa fiodha den robh fàile ro chùbhraidh. Am broinn a' bhocsa fhiodha bha a' bhratach iomraiteach na laighe, is i air a dèanamh den t-sìoda bu bhrèagha, agus obair-ghrèis ro ghrinn air a chur oirre, le croisean de shnàth òr. Goirid an dèidh sin thàinig fios gun deachaidh an long-chogaidh air an robh Tormod Dhùn Bheagain na oifigear fodha, agus gun robh e air a chall.

Dh'innis e fada ro làimh mu rathaidean mòra is mu rathaidean iarainn a bha gu dhol tarsainn air an dùthaich. "Thig an là an uair a chithear rathad a' dol tro chnuic Shiorrachd Rois bho mhuir gu muir, agus drochaid thar gach uillt. Thig an là an uair a bhios sreath fhada de charbadan a' siubhal eadar Inbhir Nis agus Inbhir Pheofharain, agus chan fheum iad eich gan tarraing."

Dh'innis e mu àm anns am biodh fèidh agus caoraich na bu phrìseile ann an sùilean nan uachdaran Gàidhealach na daoine, agus mar a bha sin a' dèanamh nan gleann fàs. "Thig an là a chuireas obair chaorach an crann-treabhaidh a-mach à bith."

Thug e iomradh air an adhartas a thigeadh air obair an lighiche ann a bhith leigheis euslainte. Thuirt e mu thobraichean Srath Pheofharain, "Thig an là an uair a bhios glas is iuchair air na h-uisgeachan searbha seo, agus bithidh sluagh a' tighinn às gach àite gan òl."

Dh'innis e gum bitheadh bàtaichean a' seòladh bho cheann gu ceann de Ghleann Mòr na h-Alba. Chunnaic e an là a bhiodh glas is iuchair air Tom na h-Iubhraich, agus tha fhios gu bheil an cnoc bòidheach sin a-nis na àite adhlacaidh ro thlachdmhor.

Tha iad a' creidsinn gun d' rinn e fàisneachd mu Bhlàr Chùil Lodair. "O, Dhruim Athaisidh, tha mi a' faicinn latha air am bidh do raointean dearg le fuil uasal laoch nan gleann."

"Thig an là," thuirt e, "an uair a bhios taigh-òil aig ceann gach claise, agus poileasman aig oisinn gach sràide." Chan eil fhios an robh Coinneach a' faicinn a' cheangail làidir eadar an dà rud sin.

Chan eil sinn a' dol a choimeas fàisneachd Choinnich ri fàidheadaireachd Isaiah, ach is fhada cuid de na thuirt e o bhith faoin, gun bhrìgh, oir tha fhacail gu tric a' beantainn ri gnothaichean a tha glè chudthromach a thaobh leasachaidh is sonas an t-sluaigh.

Gun teagamh tha cuid de na thuirt e a shaoilear neònach gu leòr. "Thig an là air am bidh sionnach geal air a mharbhadh ann an Cataibh." Cò aige tha fhios nach robh Coinneach a' faicinn fada às Linn na h-Eighe a' tighinn air an talamh a-rìs?

Ach cha chòir dhuinn tàir a dhèanamh air na rudan sin. Tha ùghdaran ainmeil nar là fhèin a tha a' cur rudan nas neònaiche is nas lugha brìgh nan cuid leabhraichean an lùib nan creudan aca fèin. 'S còir dhuinn, mar sin, sealltainn air Coinneach gu càirdeil.

Chaidh mòran de na thuirt Coinneach a thoirt còmhla le Alasdair MacCoinnich ann an leabhar beag (Beurla: "The Brahan Seer"). Bheir e toil-inntinn dhuibh an leabhar seo a leughadh, ach a thaobh fìrinn na sgeulachd cha leig sibh a leas a bhith ro chinnteach aiste.

Nuair a bhitheas sinn a' meòrachadh air beachdan dhaoine anns na làithean a dh'fhalbh, tha sinn mar gum biodh a' sealltainn a-steach tro uinneig bhig an taighe-dhuibh, far a bheil sinn air faileasan annasach fhaicinn a' gluasad fo na seann chabair ud, ach bha eagal is dòchas, aoibhneas is bròn, gràdh is fuath ann an siud, dìreach mar tha iad sin an-diugh againn fhèin.

Feumar a ràdh gun robh an sluagh bho shean a' toirt cus creideis do thaibhsean is do mhanaidhean, ach tha an cuid sgeulachdan is bheachdan ag innse dhuinn gu robh iad geur-mhothachail nan smuaintean air dìomhaireachd na Cruitheachd, air mòralachd an Tì sin a tha ga cumail suas, agus air sòlaimteachd beatha an duine.

Faodaidh an seann bhocsa a bhith meirgeach agus grànnda, ach dèanaibh greim air an t-seud na thaobh a-staigh. 'S dòcha, tro thìde, nach toir sibh feart air na seann sgeulachdan mar fhìrinn, ach na caillibh an comas sin tron cluinn sibh guthan Nàdair, a' tighinn le sanasan do bhur spiorad, agus trom faic sibh glòir nan speuran le iongnadh is le urram.

Biodh a' Ghàidhlig measail agaibh, agus bithibh an-còmhnaidh dìleas do chànain bhur sinnsire, ach aig an aon àm thoiribh an làn aire don Bheurla. Tron Ghàidhlig thèid agaibh air a' Bheurla a labhairt nas ceòlmhoire agus a tuigsinn nas fheàrr.

Ceanglaichean a-mach

deasaich