‘S e buidheann poiliteagach riaghladh anns An Eilbheis a th’ann an Roinn Eilbheiseach (Eadailtis: Cantone, Fraingis: Canton, Gearmailtis: Kanton, Rumantsch: Chantun). Tha Co-fhlaitheas na h-Eilbheis air a stèidheachadh air siostam na roinnean sin. Ghabh An Eilbheis leis an t-siostam gu math feadarail na roinnean sin mar a tha iad an latha an-diugh ann an 1848 is bha airgead, feachdan armachd agus crìochan aig na roinnean ro làimhe co-dhiù.[1] Ged an robh iad uile am broinn, gu beachdail, Iompaireachd Naomh Ròmanach nan Gearmailteach (Laideann: Sacrum Romanum Imperium), bha iad air a bhith neo-eisimeileach bhon a chuir An Eilbheis ruaig air arm an Iompaire Maximilian I ann an 1499. Tha structar agus cruth nan roinnean uabhasach eadar-dhealaichte, bho dìreach 37km² gu ruige 7,105km², is àireamhean-sluaigh cho beag mar 14,000 air a’ char as lugha gu ruige còrr is 1,200,00 ann an Zürich. ‘S e leis na roinnean a tha a h-uile dleastanas poiliteagach nach eil air a sgrìobhadh ann an Bun-Reachd na dùthcha, is ‘s e na roinn a cho-dhùineas na dleastanasan a bheirear dha na bailtean: le sin, tha diofaran mòra ann taobh na cumhachdan a tha aig na bailtean bho roinn gu roinn. Bidh dà roinn a chumail an Deamocrasaidh fosgailte poblach gus an latha an-diugh.[2]
Tha 23 anns an Eilbheis, is trì dhuibh nan leth-roinnean (Basel, Appenzell agus Unterwalden), ann an dà chuid air adhbharan eachdraidheil mar Unterwalden agus Appenzell, agus air sàilleabh diofaran taobh fàs eaconamach eadar am baile mòr agus an dùthaich, mar Bhasel.