Glarus
Glarus
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Eilbheis | ||||
Roinn Eilbheiseach | Glarus | ||||
Cànan | Gearmailtis | ||||
Co-chomharran | 47° 02 00′ Tuath 09° 04 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 103.7 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 12,170 (2010) | ||||
Dlùths | 117.36/km² | ||||
Àireamh fòn | + 41 64 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.gemeinde.glarus.ch |
’S e baile beag ann an cridhe na h-Eilbheis a th’ ann an Glarus (IPA: ˈɡlaːrʊs, Eadailtis: Glarona, Rumantsch: Glaruna, Fraingis: Glaris). Chaidh am baile a chlàradh fon ainm Clarona ann an Laideann aig toiseach an 9mh Linn is mar Glarus ann an Gearmailtis ann an 1178. Tha e suidhichte aig 470m os cionn ìre na mara[1] ri taobh na h-aibhne Linth, anns an roinn (Gearmailtis: Kanton) Glarus fhèin, dìreach 54km air falbh bho Zürich, 240km bho Geneva agus 123Km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 12,170 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an 143mh baile na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh.[3] ‘S e Gearmailtis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Glarus.