Port Ghlaschu
(Air ath-sheòladh o Port Glasgow)
Port Ghlaschu | |
Caisteal Newark, Port Ghlaschu | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle Inbhir Chluaidh |
Siorrachd | Siorrachd Rinn Friù |
Co-chomharran | 55° 56′ 5″ T 4° 40′ 50″ I |
Comharradh-clèithe | NS326745 |
Feartan fiosaigeach |
'S e baile ann am meadhan na h-Alba a tha ann am Port Ghlaschu (Beurla: Port Glasgow).[1] Tha e faisg air Glaschu, ach ged a tha an t-ainm "Port Ghlaschu" air, tha sgaradh beag eatarra.
Chaidh caisteal a thogail ann an 1478 le Sir George Maxwell is ath-thogail le Patrick Maxwell ann an 1597.[2] Cheannaich na h-ùghdarrasan Ghlaschu an caisteal agus am fearann timcheall air ann an 1668 airson port ùr is borgh a chruthachadh.[3]
Thog James Watt doca-tioram an seo ann an 1762 is bha long-thogail glè chudromach ro dheireadh na 18mh linn. Chaidh a' chiad bhàta-smùide airson luchd-siubhail, an Comet, a thogail an seo ann an 1812.[4]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Port Glasgow/Port Ghlaschu”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2018.
- ↑ “Newark Castle: History”. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2018.
- ↑ “Newark Castle”. Canmore, Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2018.
- ↑ “Old Port Glasgow”. Comhairle Inbhir Chluaidh. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2018.