Tha Pàrlamaid Òigridh na h-Alba (Beurla: Scottish Youth Parliament) na bhuidheann deamocratach air a stiùireadh le òigridh a tha ag amas air òigridh na h-Alba a riochdachadh.

Pàrlamaid Òigridh na h-Alba
gnothachas
Cur air cois1999 Deasaich
DùthaichRìoghachd Aonaichte Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailComhairle Baile Dhùn Eideann Deasaich
LàrachDùn Èideann Deasaich
Prìomh-àite rianachdDùn Èideann Deasaich
Làrach-lìnhttp://www.syp.org.uk/ Deasaich

Tha an SYP air a dhèanamh suas de mu 166 riochdairean a tha air an taghadh gu deamocratach air feadh na h-Alba. Bidh an SYP a’ cleachdadh structar roinn-pàrlamaid Pàrlamaid na h-Alba gus a buill a thaghadh, le taghaidhean a’ gabhail àite a h-uile dà bhliadhna – bidh gach sgìre phàrlamaid a' taghadh dà BhPA is a' phàrlamaid a' cleachdadh siostam taghaidh Bhòt Shingilte Gluasadach. Chaidh còrr air 71,000 bhòt a chaitheamh ann an taghaidhean SYP 2019.

Tha timcheall air 22 MSYP a' riochdachadh Bhuidhnean Saor-thoileach mar The Boys Brigade, Scouts Scotland, LGBT Youth Scotland agus Haggeye an àite roinnean-taghaidh. Tha na MSYPs sin air an taghadh gu dìreach leis na buidhnean a tha iad a' riochdachadh.

Bidh an SYP a' coinneachadh trì tursan sa bhliadhna aig tachartasan ris an canar suidheachan. Mar as trice bidh iad sin a’ tachairt ann an diofar Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba, ach chaidh an cumail air-loidhne eadar 2020 agus 2022 air sgàth COVID-19. Thill SYP gu suidheachan pearsanta san Iuchar 2022 le SYP77 ga chumail ann an Comar nan Allt.

Am measg cuid de shuidheachain SYP eile o chionn ghoirid tha SYP81 ann an Sruighlea san Ògmhios 2024, SYP80 ann an Obar Dheathain ann an 2023 & SYP79 ann an Arcaibh cuideachd ann an 2023.

Eachdraidh

deasaich

Chaidh a stèidheachadh aon là ro Pàrlamaid na h-Alba fhèin ann an 1999 an dèidh do riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte Cunnradh nan NA air Còraichean Chloinne a shoidhneachadh ann an 1991 agus fòraman is co-labhairtean obrachadh air cruth is stiùireadh comhairle na h-òigridh.[1]

Iomraidhean

deasaich
  1. Our Story”. Pàrlamaid Òigridh na h-Alba. Air a thogail 16mh dhen Ògmhios 2024.