B' e Oscar Wilde na dhuine soirbheachail agus cudromach anns an deireadh 19 linn air sgàth nan dealbhan-cluich a bha e a' sgrìobhadh. Mar as àbhaist, 's iad aoirean làn de còmhradh sgaiteach is beur, agus thathar feadhainn dhiubh gan cluich fhathast, as trice The Importance of Being Earnest.
'S e The Ballad of Reading Gaol an dàn as ainmeile aige. Chaidh Wilde a chur am prìosan airson dà bhliadhna ann an 1895 airson eucoireanco-sheòrsach agus sgrìobh e an dàn an dèidh dha am prìosan fhàgail. Tha e a' smaoineachadh air peanas-bàis ann.
Sgrìobh Oscar Wilde grunnan sgeulachdan goirid, an dà chuid àbhachdach (m.e. Lord Arthur Savile's Crime) agus brònach (m.e. The Happy Prince), na tha a' nochdadh an clò mar chruinneachaidhean gu seo. Rinn e cuid mhath dhiubh airson cloinne. Cha do sgrìobh e ach aon nobhail, The Picture of Dorian Gray, ach tha ise am measg leabhraichean clasaigeach an-diugh.
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: