Maria Goeppert-Mayer
B' e fiosagaiche às a' Ghearmailt a bha ann am Maria Goeppert-Mayer.
Tha i ainmeil airson am modail sligeach an niùclais atamach.
Beatha
deasaichRugadh Maria Goeppert ann an Kattowitz (a-nis sa' Phòlainn) agus dh'imrich an teaghlach aice do Ghöttingen nuair a bha i 4 bliadhna dh'aois. Bha i na h-oileanaich aig an Oilthigh Ghöttingen agus sgrìobh i an tràchdas aice, "Mu phròiseasan bunaiteach le dà leuman cuantamach" fo Mhax Born.
Phòs i Joseph Edward Mayer, fiosagaiche eile, agus dh'imrich iad do na Stàitean Aonaichte ann an 1930. Theagaisg i gun phàigh ann an Oilthigh Johns Hopkins agus Oilthigh Cholumbia. Ri linn an Dàrna Cogadh dh'obraich i air am boma atamach agus ann an 1960 chaidh i na h-ollamh aig an Oilthigh Chalafòrnia.
Urraman
deasaichBhuannaich i an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1963 còmhla ri Eugene Wigner agus J. Hans D. Jensen.[1] Dh'ainmicheadh sràidean ann am Braunschweig[2] agus Lübeck[3] agus cruinn-shloc air Bhèineas oirre.[4]
Iomraidhean
deasaich- ↑ http://www.nobelprize.org/nobel_prizes/physics/laureates/1963/mayer-facts.html
- ↑ http://www.braunschweig.de/politik_verwaltung/bekanntmachungen/strassennamen/GoeppertMayer-Str.pdf
- ↑ http://www.ln-online.de/Lokales/Luebeck/Neues-Parkhaus-in-der-Maria-Goeppert-Strasse-eroeffnet
- ↑ http://www.jpl.nasa.gov/spaceimages/details.php?id=PIA00269