Odeska Oblast
Odeska Oblast Одеська область
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Prìomh-bhaile | Odesa | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 33,314 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 2,368,107 (2021) | ||||
Dlùths | 71.08/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 48 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e tè dhe na 24 roinnean anns an An Ucràin a th'ann an Odeska Oblast (Ucràinis: Одеська область, ainm neo-fhoirmeil: Odeschyna). 'S e Odesa fhèin 's a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[1] Tha i suidhichte ann air an àirde an iar-dheas na dùthcha, ri taobh na Mara Dhuibh. Tha 2,368,107 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
deasaichChaidh Odeska Oblast a chruthachadh ann an 1932 ach bha i air a roinneadh ann an dà leth ann an 1937 airson Mykolaivska Oblast a chruthachadh. Fhuair i a cuid talmhainn a th'aice a-nis nuair a chuireadh Izmailska Oblast ris ann an 1954. Nuair a chaidh dam a thogail airson Loch Sassyk a chruthachadh ann an 1978, chaidh loch fìor-uisge 210km² a chruthachadh ann am pàirt tioram air an àirde an iar na h-oblast. Rinn an Holodomor - Gort na h-Ucràine - droch sgrios air an sgìre seo agus chaochail 326,900 leis an acras.[2] Bhòt 85.38% nan daoine ann an Odeska Oblast airson neo-eisimeileachd na h-Ucràine san reifreann nàiseanta ann an 1991.[3]
Daoine Ainmeil
deasaich- Ze'ev Jabotinsky (1880 - 1900). Bàrd, saighdear agus neach-poileataigs
- Anna Akhmatova (1889 - 1966). Bàrd.
- Yaakov Dori (1899 - 1973). Saighdear.