Neuchâtel
Mapa Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Eilbheis
Roinn Eilbheiseach Neuchâtel
Cànan Fraingis
Co-chomharran 46° 59 51′ Tuath
06° 55 86′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 18.1 km²
Àireamh-shluaigh 32,973 (2010)
Dlùths 1,821.71/km²
Àireamh fòn + 41 81
Duilleag oifigeil httpwww.neuchatelville.ch

‘S e baile air an àirde an iar na h-Eilbheis a th’ ann an Neuchâtel (IPA: nøʃɑˈtɛl, Eadailtis: Neocastello, Gearmailtis: Neuenburg). Tha an t-ainm a’ ciallachadh Caisteal Nuadh, bho dhà fhacal san sheann Fhraingis: neu (nuadh) is châtel (caisteal). Chaidh am baile seo a chlàradh airson a’ chiad turas mar Novocastellum sa Laideann, ann an 1011 ged an robh daoine air a bhith a’ fuireach an seo o shean. Tha e suidhichte dìreach ri taobh na crìochan leis An Fhraing air an taobh thall na h-aibhne Doubs, aig 463m os cionn ìre na mara[1] ri bruaich an Loch Neuchâtel (Fraingis: Lac de Neuchâtel, Gearmailtis: Neuenburgersee), anns an roinn (Fraingis: Canton) Neuchâtel fhèin, 126km air falbh bho Zürich, 108km bho Ghenève agus dìreach 37km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 32,973 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an 17mh baile na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh.[3] ‘S e Fraingis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Neuchâtel, is tha e na phrìomh-bhaile na roinn, is an dàrna baile as motha an dèidh La Chaux-de-Fonds.

Daoine Ainmeil

deasaich

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Mongabay
  2. Distance Calculator
  3. Bailtean na Cruinne
  4. Stadt Aarau
  5. Ville de Besançon
  6. Città di Sansepolcro

Ceanglaichean A-mach

deasaich