Matamataig
'S e matamataig an t-eòlas a tha togte air bun-bheachdan a' mheud, an structair, an fhànais agus a' chaochlaidh, agus an sgoilearachd nan lùib. 'S e rannsachadh nam bun-bheachdan seo agus nan ceanglaichean eatorra a tha obair mhatamataichean. Thathar a' dèanamh feum de reasanachadh rianais gus co-dhùnaidhean a chur còmhla agus baralachasan ùra a dheasachadh 's a dhearbhadh.
Matamataig agus na Saidheansan
deasaichTha dlùth-cheangal eadar matamataig agus na saidheansan – gu h-àraidh fiosaig – ged tha aig cuid nach eil saidheans ach ealain a th'ann. Is cinnteach gu bheil gnè inntleachdail aig matamataig. Tha matamataichean a' dèiligeadh ri nithean easchruthach air an sgàth fhèin. 'S e bòidhchead agus eireachdas a' cho-dhùnaidh a tha cudromach a bheil brìgh aige anns an t-saoghal a-muigh no nach eil. Faodaidh e bhith, ach tha e soilleir gur e a' phongalachd agus an rianas à matamataig a tha aig a' bhun-stèidh iomadh saidheans. 'S ann à seo a chaidh a h-ainmeachadh "banrigh nan saidheansan". Aig an aon àm 's ann às na saidheansan a thàinig iomadh ceist mhatamataigeach agus, a bharrachd air sin, meuran ùra dha.
Eachdraidh
deasaichDh'fhàs am matamataig bhon chunntadh, an tomhas, agus a' bheachdachadh air cumadh, cruth agus gluasad nithean. Bha e riatanach anns a' mhalairt, an ailtireachd, a' cheòl, reul-eòlas agus dealbhadh nan uidheam-cogaidh. Tha leasachaidhean nan smuaintean tùsail am follais anns na sgrìobhaidhean àrsaidh bhon Èipheit, Measophotaim agus na h-Innseachan ach b' e na Sean-Greugaich a thug a' phongalachd ris. Bhon linn sin thàinig ach piseach bheag anns an Roinn-Eòrpa gus an 16mh Linn. Nuair sin, rè Linn an Ath-bheothachaidh, thòisich leudachadh mòr luath a mhaireas an diugh. Chan eil ach beag nar latha an diugh aig nach eil matamataig san teis-meadhan agus tha matamataig a' cheart cho riatanach dhuinne 's a bha e dar sinnsirean. Agus thàinig seo uile bhon tuigse gu bheil riaghailtean cunntadh na pònarach iomchaidh do chunntadh an airgid no do chunntadh an rud sam bith eile. 'S ann leis a' chunntadh fhèin a tha na riaghailtean seo. Anns an aon dòigh tha riaghailtean le cumaidhean, le cruthan agus le caochladh – nithean uile a tha easchruthach.
Tha na h-innealan easchruthach matamataigeach feumail do cheistean doirbh a dh'fhuasgladh anns na saidheansan, an innleadaireachd, eòlas-leighis, a' mhalairt, eaconamachd agus iomadh raon eile. 'S e matamataig gnìomhaichte a theireadh ri seo mar dealachadh a dhèanamh bho mhatamataig ghlan (no teòiridheach). 'S e am fuasgladh a tha cudromach ann am matamataig gnìomhaichte. Far nach eil fìor fhuasgladh ann, bidh seòl ann gus fuasgladh fhaighinn a tha cho dlùth ris an fhìor fhuasgladh 's a tha riatanach. Ach chan e seo fuasgladh idir do ghlan-mhatamataiche. Mar a thuirt fear dhiubh: tha cuid a tha a' smaoineachadh nach eil e gu diofar agus cuid eile aig a tha fios gu bheil.
An diugh, tha na roinnean mòra matamataige:
- Àireamhachd: sgoilearachd nàdar nan àireamhan fhèin, agus mar a tha iad air an làimhseachadh,
- Ailseabra: sgoilearachd structairean anns an fharsaingeachd (àireamhan, bheactaran, meatragsan, msaa.), co-aontaran, agus an leithid,
- Anailis: sgoilearachd oibrichean, gu h-àraidh oibrichean diofarachaidh agus aonachaidh calcalais,
- Geoimeatras: sgoilearachd chumaidhean agus chruthan, agus an leithid ann an spàs ioma-sheallach,
- Staitistearachd agus coltachd: tuairisgeul agus anailis uimhir mòir de dhàta àireamhach,
- Matamataig sgoilte (a thathar a’ dealachadh bho mhatamataig leantainneach): sgoilearachd an fhiosrachaidh agus àireamhachd a tha iomchaidh do choimpiutaireachd.
- Bunaitean agus feallsanachd: sgoilearachd (me. rianas matamataigeach, agus teòiridh nan seataichean) gus matamataig a chur air fìor stèidh aicseamaich.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Briathrachas Matamataig airson sgoiltean (An Seotal)
- Briathrachas Matamataig airson sgoiltean (faidhle .docx)