Tha loidig mhatamataigeach) 'na fho-chuspair matamataig a bhuineas ri siostaman foirmeil agus mar a tha iad a’ cur rian air bun-bheachdan imfhiosach de chuspairean matamataig, mar tha seataichean, àireamhan, dearbhaidhean agus giollachd fiosrachaidh. Tha ceithir fo-roinnean ann: teòiridh nan seataichean, teòiridh ath-fhillidh, teòiridh dhearbhaidh agus teòiridh shamhailean.

Thoir an aire nach eil loidig matamataigs a th' ann ach loidig mhatamataigeach. Chan ann ach na roinnean loidig aig a tha tuairisgeul foirmeil matamataigeach.

Eachdraidh

deasaich

Aig a bhunait, ’s e loidig Aristotle a th’ ann ged tha cruth ailseabra eas-chruthach air an-diugh. B' e George Boole agus Augustus De Morgan anns an Naoidheamh Linn Deug a chuir am follais dòigh òrdail matamataigeach airson loidig a mheasadh. Thàinig à seo inneal ùr a bha iomchaidh airson bun-bheachdan matamataig a rannsachadh, agus feallsanachd matamataig a shoilleireachadh gu mòr. Rinn Grigore Moisil sàr obair air a' chuspair seo.

Comharraidhean

deasaich

Ceanglaichean a-mach

deasaich