Loch na Doire Daraich
Co-chomharran: 58°08′35″N 5°14′00″W / 58.142941°N 5.233327°W
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch na Doire Daraich. Tha an t-ainm Loch Culag cumanta a-measg muinntir an àite cuideachd.[1]. Tha e suidhichte ann an Asaint mu 1/4 mìle san àird an iar-dheas air Loch an Inbhir.
Tha an loch mu leth-mhìle a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas lugha na ¼ mìle aig an àite as leathainne. San farsaingeachd tha e mu 1/7 mìle a leud. Tha Loch na Doire Daraich cho mòr ri 44 acair agus tha an àrainn drèanaidh dìreach aige cho mòr ri beagan a bharrachd na mìle ceàrnagach. Ach tha an t-uisge bho Loch Druim Suardalain a' sruthadh anns an loch seo cuideachd agus mar sin tha an àrainn drèanaidh timcheall air 14 mìle ceàrnagach uile gu lèir. 'S e 3,5 troigh an domhainneachd mheadhanach aige le 9 troigh aig an àite as doimhne. Tha bàrr uisge an locha 72,5 troigh os cionn na mara. [1] Tha Abhainn na Culeig a' sruthadh tro Loch na Doire Daraich agus a' toirt an uisge a-mach gu Loch Inbhir.
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Carron Basin", td 154, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Mapa an locha Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910).
Loch Asainte • Loch Beannach • Loch na Doire Daraich • Loch Druim Suardalain • Loch Leitir Easaidh • Loch Maol a' Choire • Loch Obha