Co-chomharran: 58°07′49″N 4°55′42″W / 58.130186°N 4.928456°W / 58.130186; -4.928456

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Maol a' Choire, ainm eile: Loch Mhaolach-coire. Canar cuideachd Mulach-Corrie no Gillaroo Loch ris.[1] Tha e suidhichte ann an Asaint mu dà mhìle san àird an iar-dheas air Innis nan Damh aig ceann Loch Asainte agus mu 4 mìle air falbh bho Loch an Inbhir.

Loch Maol a' Choire
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Maol a' Choire
Suidheachadh Loch Maol a' Choire air a' Ghàidhealtachd

Tha an loch mu 600 slat (548 m) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas lugha na 250 slat (228 m) aig an àite as leathainne. Tha Loch Maol a' Choire cho mòr ri 20 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri gu bhith 512 acair. 'S e 5 troigh (1.5 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 8 troigh (2.4 m) aig an àite as doimhne.[1] Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach às an loch seo tro Allt na Glaice Moire do Abhainn Traligill, a bhios a' dol gu ceann Loch Asainte faisg air inbhir Abhainn Loanan.

Fhuair Loch Maol a' Choire an t-ainm "Gillaroo Loch" air sgàth 's gu bheil na bric anns an loch coltach mar na "Gillaroo Trout" ann an Lough Melvin.[1]

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 1.2 Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Inver Basin", td 152, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Ceanglaichean a-mach

deasaich