Co-chomharran: 58°11′12″N 5°10′04″W / 58.186675°N 5.167838°W / 58.186675; -5.167838

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Beannach. Tha e suidhichte ann an Asaint mu 2 mhìle san àird an iar Loch Asainte agus mu 4 mìle air falbh bho Loch an Inbhir.

Loch Beannach
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Beannach
Suidheachadh Loch Beannach air a' Ghàidhealtachd

Tha an loch mu 1.25 mìle (2 km) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas lugha na 530 slat (485 m) aig an àite as leathainne. San fharsaingeachd tha e mu 250 slat (229 m) a leud. Tha Loch Beannach cho mòr ri 117 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri gu bhith dà mhìle ceàrnagach (5 km²). 'S e 13 troigh (4 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 38 troigh (12 m) aig an àite as doimhne.[1] Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach às an loch do Loch Bad nan Aighean agus bhon an seo don Abhainn Inbhir.

Tha torr eileanan ann an Loch Beannach.

Tha cas-cheum ann don luchd-coiseachd a bhios a' tòiseachadh aig pàirc-chàraichean "Little Assynt Field" agus a leanas seachad air Loch Beannach.

Iomraidhean

deasaich
  1. Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Carron Basin", td 153, Iom-leabhar II, Pàirt II. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Ceanglaichean a-mach

deasaich