Loch Asainte
Co-chomharran: 58°10′30″N 5°02′30″W / 58.175°N 5.041667°W
'S e loch ann an Asaint a tha ann an Loch Asainte neo Loch Asainn [1] Tha e mu ochd cilemeatair san ear-thuath Loch an Inbhir. 'S e seo na co-chomharran aige: 58° 10′ 30″ Tuath agus 5° 2′ 30″ Iar.
'S e Canisp, a' Chuineag agus Beinn Uidhe na beanntan as motha a tha timcheall air. Thèid uisge a-steach bho lochan eile mar Loch Obha, Loch Maol a' Choire agus Loch Leitir Easaidh agus sruthaidh an t-uisge a-mach à Loch Asainte tro Abhainn Inbhir chun na mara.
Tha an loch mu 6 mìltean air fhad agus mu 0.9 mìle (1.5 cilemeatair) air leud. Tha e cho mor ri 1,977 acair. Tha an t-àite as deimhinne mu 86 meatair (282 troigh) agus tha bàrr uisge an locha mu 215.1 troigh (65.55 meatair) os chionn na mara.[2]
'S e àite math airson iasgaich, gu h-àraidh breac, breac donn is bradan.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Stòr-dàta Briathrachais
- ↑ Murray, Sir John (1910): “Lochs of the Inver Basin”, Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909, Iom-leabhar II, Pàirt I.. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, td. 150.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NC 211 246
Loch Asainte • Loch Beannach • Loch na Doire Daraich • Loch Druim Suardalain • Loch Leitir Easaidh • Loch Maol a' Choire • Loch Obha