Loch Obha, Asaint
Co-chomharran: 58°05′29″N 4°58′45″W / 58.091396°N 4.979225°W
Is dòcha gu bheil sibh a' lorg Loch Obha ann an Earra-Ghàidheal is Bòd
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Obha (Beurla: Loch Awe). Tha e suidhichte ann an Asaint mu 4 mìle san àird an deas air Innis nan Damh air taobh an rathaid a leanas gu Alltnacealgach. Tha Canisp san iar-dheas dheth agus tha Cnoc an Leathaid Buidhe suidhichte san iar is Beinn an Fhuarain san ear.
Tha an loch mu 1.400 slat (1.28 km) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas lugha na 530 slat (484 m) aig an àite as leathainne. San farsaingeachd tha e mu 265 slat (242 m) a leud. Tha Loch Obha cho mòr ri 86 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri gu bhith 3.2 mìle ceàrnagach ( 8.3 km²). 'S e 5 troigh (1.5 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 7 troigh (2,1 m) aig an àite as doimhne.[1] Tha bàrr uisge an locha mu 504 troigh (153 meatair) os cionn na mara.
Thèid an loch a lìonadh bho Loch na Cruagaich tro abhainn a thig a-steach don loch faisg air an àite far a beil an t-uisge a' sruthadh a-mach à Loch Obha tro Abhainn Loanan gu Loch Asainte.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Inver Basin", tdd 152; 153, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Mapa an locha Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910).
- Gazetteer for Scotland
- Fiosrachadh airson luchd-coiseachd aig Walkhighlands.co.uk (Beurla)
Loch Asainte • Loch Beannach • Loch na Doire Daraich • Loch Druim Suardalain • Loch Leitir Easaidh • Loch Maol a' Choire • Loch Obha