Lauingen
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Dillingen an der Donau
Sgìre A' Bhaidhearn
Co-chomharran 48° 34 00' Tuath
10° 26 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 44.38 km²
Àireamh-shluaigh 11,068 (2020)
Dlùths 249.39/km²
Àireamh fòn +49 09072
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile faisg air Ulm, ann an ceann a deas na Gearmailt a th' ann an Lauingen. Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Danube, aig 439m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Dillingen an der Donau, san stàit (Gearmailtis: Land) A' Bhaidhearn. Tha 11,068 duine a' fuireach ann.[1]

Eachdraidh

deasaich

B' e an treubh Ghearmailteach Alemanni a ghabh os làimh na sgìre san 6mh Linn. Chaidh abaid a thogail an seo ann an 1150. B' e prìomh-bhaile Herzogtum Pfalz-Neuburg a bh' ann an Lauingen eadar 1505 agus 1808. Ghabh am baile ris an Ath-Leasachadh Phròstanach ann an 1542, fon Iarla Ottheinrich. Bha feachdan Arm na Suaine air an gearastanachadh an seo bho 1632 gu ruige 1634, tro Chogadh nan 30 Bliadhna. Thug plèanaichean cogaidh ionnsaigh air a' bhaile ann an 1941 agus chaill naoinear am beatha, probhaist Alfred Dolles nam measg. Bha campa-prìosain Nàsach ann an Lauingen bho 1944 gu ruige 1945 air an robh KZ-Außenlager Lauingen, a bha fo sgàil KZ Dachau. Bha mu 3,000 prìosanaich ann agus iad seo ag obair mar thràillean ann an taigh-gnìomhachais a bhuinneadh dhan chompanaidh Ködel & Böhm.[2] Chaidh Pàirc Lùtha a thogail an seo ann an 2010, a tha a' solaradh 26.98 m kWh dhe dealain ath-nuadhachail gach bliadhna do 7,500 taighean.[3]

Daoine ainmeil

deasaich

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Statistisches Bundesamt
  2. Gernot Römer: Für die Vergessenen. KZ-Außenlager in Schwaben – Schwaben in Konzentrationslagern. Wißner-Verlag, Augsburg, 1996, ISBN 978-3-89639-047-9, S. 105 ff.
  3. Gehrlicher