'S e actair, neach-teagaisg agus neach-poileataigs à Innis Tìle a th' ann am Þórhildur Þorleifsdóttir (Ísafjörður, 25 am Màrt 1945).[1] B' e Thorleifur Guðmundsson, neach-gnìomhachais à Reykjavik agus a bhean Guðrún Bergsdóttir, bean-taighe, a bh' ann a cuid phàrantan. Tha i pòst aig an actair Arnar Jónsson à Akureyri agus tha còignear duine-cloinne aca. Fhuair i a cuid fhoghlaim aig Menntaskólinn á Akureyri, Sgoil Rìoghail Ballet agus Acadamaidh Rìoghail Dannsa ann an Lunnainn. Bha i na tìdsear aig Acadamaidh Nàiseanta nan Ealan, Sgoil SÁL, Sgoil tèatar Reykjavik agus Sgoil Dràma Innis Tìle fad bliadhnaichean, agus na Cleasaiche agus dealbhadair dannsa ann an iomadh àite cuideachd. Bha i na cleasaiche maireannach aig Companaidh Taigh-cluiche Akureyri bho 1973 gu ruige 1975, nuair a stèidhich i Taigh-cluiche an t-Sluaigh. Tha e air a bhith ag obair mar stiùiriche bhon a h-uile taigh-cluiche ann an Innis Tìle, opara Innis Tìle, telebhisean agus mar sin air adhart sa dùthaich aice fhèin. Bha i na bhall-pàrlamaid san Alþingi airson Reykjavík eadar 1987 agus 1991 airson Kvennalistinn (Gàidhlig: Liosta nam Ban).[2] Bha i na cathraiche Comann Stiùirichean Innis Tìle bho 1982 air adhart agus na ball Bhòrd Comann Luchd-ealain Innis Tìle.

Þórhildur Þorleifsdóttir
Beatha
Breith 1945
Dreuchd

ObairDeasaich

  • Áramótaskaup 1978
  • Stella í orlofi 1986
  • Áramótaskaup 1992
  • Áramótaskaup 2000

IomraidheanDeasaich

  1. Stjórnlagarað
  2. Alþingi

Ceanglaichean a-machDeasaich