Karlsruhe
Karlsruhe
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Baile neo-eisimeileachd | ||||
Sgìre | Baden-Württemberg | ||||
Co-chomharran | 49° 10 00' Tuath 08° 24′ 00 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 173.46 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 288,917 (2010) | ||||
Dlùths | 1,665.61/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 (0)721 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.karlsruhe.de |
‘S e baile mòr air an àirde an iar-dheas na Gearmailte a th’ ann an Karlsruhe (IPA: ˈkaɐ̯lsʁuːə: seann dhòigh-sgrìobhaidh: Carlsruhe). Tha an t-ainm a’ ciallachadh Fois Theàrlaich, bhon ainm Karl (Teàrlach) agus Ruhe (Fois) anns a’ Ghearmailtis. Chaidh am baile a stèidheachadh ann am 1715 mar lùchairt leis an Rìgh Teàrlach Uilleam II à Baden. Tha e suidhichte aig 116m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne Rhein (leis An Fhraing air an taobh thall), anns an stàit Baden-Württemberg. Tha am baile 526km air falbh bho Bherlin (Prìomh-bhaile na dùthcha), 253km bho Mhünchen, 64km bho Stuttgart agus dìreach 27km bho Phforzheim.[2] Tha 288,917 duine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e dàrna baile na stàite, an 21mh baile as motha na dùthcha[3] B' e am baile prìomh-bhaile na h-Àrd-Dhiùcachd Bhaden eadar 1803 agus 1918. Chaidh oilthigh a stèidheachadh an seo ann an 1970. Tha Àrd-chùirt na Gearmailte air a stèidheachadh ann an Karlsruhe cuideachd.