Gob an Choire
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Ceàrn Contae Mhaigh Eo
Sgìre Cúige Chonnacht
Co-chomharran 53° 55 50′ Tuath
9° 56′ 21 Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 355 (2002)
Àireamh fòn 00 353 098

‘S e baile beag agus port air an àirde an iar-thuath Chontae Mhaigh Eo sa Chúige Chonnacht ann an Èirinn a th’ann an Gob an Choire neo Gob a’ Choire.[1] Tha e suidhichte air Oileán Acla, air taobh Shear an Eilein. Ceanglaidh an Drochaid Mhícheál Mhic Dháibhéid Gob an Choire agus Acaill gu Leth-eilean Chorráin agus tìr-mòr Chontae Mhaigh Eo. Tha Taigh-cùirte an eilein ann an Gob an Choire, faisg air stèisean na Polis (Gaeilge: Garda) dìreach ri beulaibh na drochaid, air an rathad thall chun an eilein. Chan eil mòran chraoibh ri fhaicinn ann an Acaill, ach ann an Coille Ghleann Dairbhre faisg air Gob an Choire. Tha Gob an Choire 245km air falbh bho Chorcaigh, 58km bho Ghaillimh agus 252km bho Bhaile Átha Cliath, prìomh-bhaile na dùthcha.[2]

Eachraidh

deasaich

A-rèir beul-aithris na sgìre, bha dìreach aon ad foirmeil air an eilean o chionn fhada, a bha aig a h-uile duine.[3] Chrochte an t-ad air cabar air choireigin ann an Gob an Choire is chleachdadh a h-uile duine e nuair a thigeadh iad thar a’ chaolais chun a’ bhaile mhòir. Chuireadh iad an t-ad air ais air a’ chabair nuair a thilleadh iad dhachaigh.

Thogadh a’ chiad droichead eadar Eilean Acla agus Maigh Eo sa bhliadhna 1887. Thugadh Droichead Mhícheál Mhic Dháibhéid oirre, gus urram a chur air an ar sin a bhuineadh do Lìg Nàiseanta Fearrann na h-Èireann (Gaeilge: Conradh na Talún).[4] Seachd bliadhna an a dèidh, sa bhliadhna 1894, ràinig an t-iarnrathad Chathair na Mart - Baile Uí Fhiacháin gus a’ bhaile. Mar thoradh na leasachaidhean sin bha Acaill na bu ruigsinniche, ach bha trioblaid na lùib cuideachd. B’ fheudar cuirp ìobairteach na tubaiste ri linn a’ chiad thurais air an loighne-rèile chun an eilein à Chuan Mó a thoirt a-mach às a’ mhuir. Bhàthaich 32 duine.[5] Sa bhliadhna 1937 chaochail deichear daoine óga an eilein ann an teine sa shabhal ann an Cathair Cheann Tulaich thall an Alba.[6] Bha iad air a bhith ag obair air a’ bhuntàta an siud. Thugadh na cuirp air ais dhachaigh air an loighne eadar Cathair na Mart agus Gob an Choire, an turas-rèile mu dheireadh a rinneadh air a chuid seo dhen iarnrathad a-riamh.

Bha na sgrìobhadairean Graham Greene agus Heinrich Böll uabhasach dèigheil air an eilean agus am baile.[7]

Iomraidhean

deasaich
  1. Logainm
  2. Global Feed
  3. Achill Tourism
  4. Mayo[dead link]
  5. New York Times
  6. Kirkintilloch Herald
  7. BBC