Gelsenkirchen
Gelsenkirchen
| |||||
![]() | |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Sgìre | ![]() | ||||
Co-chomharran | 51° 30′ 40″ Tuath 7° 6′ 2″ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 105 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 257.607 (31.12.2012) | ||||
Dlùths | 2.45/km² | ||||
Àireamh fòn | 0209 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.gelsenkirchen.de |
'S e baile-mòr a th' ann an Gelsenkirchen a tha ann am meadhan na Gearmailt.
Am baileDeasaich
Tha am baile seo a' buntainn do Mhünster agus tha e suidhichte ann am meadhan Nordrhein-Westfalen. Bha mu thimcheall 25,000 duine a' fuireach anns a' bhaile aig deireadh 2013.
CeàrnanDeasaich
Tha 18 ceàrnan, a tha roinnte ann an còig pàirtean nas motha, ann an Gelsenkirchen:
- Gelsenkirchen-Nord: Buer, Scholven, Hassel
- Gelsenkirchen-Mitte: Altstadt, Bismarck, Bulmke-Hüllen, Feldmark, Heßler, Schalke, Schalke-Nord
- Gelsenkirchen-West: Horst, Beckhausen
- Gelsenkirchen-Ost: Erle, Resse, Resser Mark
- Gelsenkirchen-Süd: Neustadt, Ückendorf, Rotthausen
Na h-ath-bhailtean mu thimcheall a' bhaileDeasaich
Herne, Bochum, Essen is ath-phàirtean Recklinghausen: Gladbeck, Dorsten, Marl, Herten
CultarDeasaich
Tha iomadh taigh-dhealbh, taigh-tasgaidh agus leabharlann air feadh a' bhaile. Tha taigh-cluiche ann cuideachd agus 's e "Musiktheater im Revier an t-ainm a th' air.
Tha "Fachhochschule" ann cuideachd.
Cruinn-eòlasDeasaich
AbhainnDeasaich
'S e Emscher an t-ainm a th' air an abhainn a tha a' leantainn tron bhaile a' tighinn on ear is a' leantainn dhan iar. Bha an abhainn uabhasach salach anns na bliadhnaichean sa chaidh oir bha factaraidhean a' bhaile a' leigeil na òtrachais innte airson grunn deichead. Mu thimcheall 20 bliadhna roimhe thòisich buidheann cuideachadh a thoirt dhi airson ath-slànachadh a chosnadh.
PàirceanDeasaich
Bailtean Co-CheangailteDeasaich
- An Rìoghachd Aonaichte: Newcastle upon Tyne, o 1948
- Bosna agus Hearsagobhana: Zenica, o 1969
- An Ruis: Schachty, o 1989
- A' Phòlainn: Olsztyn, o 1992
- Brandenburg: Cottbus, o 1995
- An Tuirc: Büyükçekmece, o 2004