Bosna agus Hearsagobhana
Is e dùthaich ann an earra-dheas na h-Eòrpa a tha ann am Bosna agus Hearsagobhana[1][2], Bosnia-Herzegovina[3], neo Bosnia agus Herzegovina,[4] (ainm goirid: BiH/БиХ). Tha crìochan aice san ear-thuath le Croàisia, san ear leis an t-Sèirb agus leis a' Mhonadh Neagrach ‘sa deas. Eadar 1918 is 1992 bha Bosna agus Hearsagobhana pàirt na Poblachd Shòisealach Iùgoslaibhia. An dèidh 1992 dh’fhàg iad Iùgoslaibhia, ach an toiseach bha cogadh ann eadar 1992 is 1995 anns an dùthaich fhèin. An-diugh tha trì sgìrean ann: Sgìre Brčko, Federation Bosna agus Hearsagobhana agus Poblachd Srpska. Tha muinntir na dùthcha a’ buntainn do trì buidheann le dualchas eadar-dhealaichte: Bosnaich, Sèirbich agus Cròthaisich. Is e sin as adhbhar gu bheil triùir ceann-suidhe anns a’ phàrlamaid. Tha Sarajevo na phrìomh-bhaile.
Bosna i Hercegovina Босна и Херцеговина | |
---|---|
![]() Bratach |
![]() Gearradh-arm |
![]() | |
Laoidh Nàiseanta | |
Državna himna Bosne i Hercegovine | |
Cànan(an) oifigeil | Searbais, Croatais, Bosnian |
Prìomh-bhaile | Sarajevo |
Baile as motha | Sarajevo |
Riaghaltas | Poblachd deomocrasach feadarail |
Àrd-riochdaire | Miroslav Lajčák |
Buill den uachdaranachd |
Haris Silajdžić Željko Komšić Nebojša Radmanović |
Cathraiche | Nikola Špirić |
Stèidheachadh | |
Stèidhichte | 29mh, an Lùnasdal 1189 |
Rìoghachd | 26mh, an Dàmhair 1377 |
Pàirt Impireachd nan Otomanach | 1463 |
Neo-eisimeileachd bho Yugoslavia |
1ad, am Màrt 1992 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 51,197 km² (127mh) |
Àireamh-shluaigh (2007) | |
Iomlan | 3,981,239 (126mh) |
Dlùths | 76/km² (116mh) |
LTD/CCC (2008) | |
gach pearsa | $10,714.482 (87mh) |
Roinn tìde | CET (UTC+1) |
as t-samhradh | CEST (UTC+2) |
Ruith-airgid | Convertible mark |
Prìomh àrainn-lìn | .ba |
Còd Àireamh fòn | 387 |
IomraidheanDeasaich
- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714