B' e ceannsaiche às An Spàinn a bh' ann am Francisco Pizarro González (IPA: fɾanˈθisko piˈθaro, far-ainmean Apu, Machu Capitan, Trujillo (Castilla), 16 am Màrt 1478 - Lima, 26 an t-Ògmhios 1541).[1] Rinn Pizarro fìor dhroch sgrios agus milleadh air sgìrean mòra air feadh far a bheil Coloimbia, Eacuador, Panama agus Pearù an latha an-diugh. B' e esan a chuir crìoch air Tawantinsuyu. Dìolain neo-litireach còrnailear saighdeir-choise agus boireannaich macanta, rugadh agus thogadh e ann am baile beag bochd ann an Extremadura. Bha e anns na oghaichean le Hernán Cortés, a rinn droch sgrios agus milleadh air Meagsago agus Gonzalo Jiménez de Quesada, a rinn an aon rud ann an Coloimbia.

Francisco Pizarro
Viceroy of Peru (en) Translate

Beatha
Ainm slàn Francisco Pizarro y González
Breith Trujillo (An Spàinn), 16 dhen Mhàrt 1478 (Gregorian)
Dùthaich Crùn na Castilla
 An Spàinn
Bàs Lima, 26 dhen Ògmhios 1541
Àite-adhlacaidh Cathedral of Lima (en) Translate
Nàdar a’ bhàis murt duine (stab wound (en) Translate)
Teaghlach
Athair Gonzalo Pizarro Rodríguez de Aguilar
Càraid Quispe Sisa (en) Translate
Cuxirimay Ocllo (en) Translate
Añas Colque (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd Ceannsaichean agus taisgealaiche
Duaisean a fhuaras
Ìre army general (en) Translate
Creideamh
Creideamh Eaglais Chaitligeach

Rinn ceannsaichean na Spàinne, Pizarro nam measg, fìor dhroch sgrios agus milleadh air sgìrean ann an ceann a tuath Choloimbia agus ceann a deas Phanama ann an 1509 agus chaidh ainmeachadh probhaist Phanama ann an 1519. Dh' fhàg Pizarro Panama ann an 1524 agus chaidh e gu ruige Phearù le 80 saighdear sa chuideachd agus 40 each, ach sa b' urrainn dha dhol na b'fhaide na Coloimbia agus na tùsanaich a' toirt ionnsaich air na Spàinntich fad an t-siubhail: thill e gu Panama an dèidh Bhlàir Phunta Quemada. An ceann dà bhliadhna, ann an 1526, dh'fheuch e a-rithist.[2] An turas seo, chaidh esan agus a chuideachd shìos tro Choloimbia agus seachad air a' chrios-meadhain, far a fhuair na Spàinntis conaltradh le Impireachd nan Inca, agus ràinig iad Tumbes ann am Pearu.

Ann an 1531 chaidh e sìos gu ruige Eacuador le a fheachd. Chaill e ceathrar aig Blàr Phuná. Anns an Chèitean 1532 chaidh e a-steach dhan dùthaich. Mu dheireadh thall fhuair e cuireadh on Inca Atawallpa fhèin coinneachadh ris. Dh'iarr na Spàinntich gun gabhadh an t-Inca ri Crìosdaidheachd agus gum pàigheadh e cìsean do Rìgh na Spàinne. Dhiùilt an t-Inca seo an droch chùmhnant siud, agus thug Pizarro ionnsaigh airsan aig Blàr Chatamarca, air 16 an t-Samhain 1532. B' e buaidh uabhasach fhèin làidir a thug Pizarro agus dà chiad saighdear a bha seo.[3]

Rinn buidheann dhe Spàinntich murt air Pizarro ann an Lima air 26 an t-Ògmhios 1541.[4]

Iomraidhean

deasaich
  1. Prescott, W.H., 2011, The History of the Conquest of Peru, ISBN 9781420941142
  2. de Betanzos, Juan; Hamilton, Roland; Buchanan, Dana (1996). Narrative of the Incas. University of Texas Press. ISBN 978-0-292-75559-8.
  3. Pizzaro, P. (1571). Relation of the Discovery and Conquest of the Kingdoms of Peru, Vol. 1–2, New York: Cortes Society, RareBooksClub.com, ISBN 978-1235937859
  4. Leon, P. (1998). The Discovery and Conquest of Peru, Chronicles of the New World Encounter, Durham: Duke University Press, ISBN 978-0822321460