Eanraig MacGillÌosa
'S e neach poileataigs agus an dara prìomh-mhinistear a bh' aig Pàrlamaid na h-Alba, an dèidh Dhòmhnaill Mhic an Deòir, a tha ann an Eanraig MacGillÌosa (Beurla: Henry McLeish).
Rugadh e 15 an t-Ògmhios 1948) ann am Fìobha agus thogadh e ann am Meadhchill. Chluich e ball-coise airson Leeds United agus Fìobha an Ear nuair a bha e òg mus do robh e na oileanach ann an Oilthigh Heriot-Watt.[1]
Chaidh e na BhP airson Fìobh Meadhanach ann an 1987 agus BPA airson Fìobh Meadhanach ann an 1999. Bha e san dreuchd mar phrìomh-mhinistear na h-Alba bho 2000 chun an 8mh den t-Samhain 2001. Dh'fhàg e a' phàrlamaid nuair a thàinig e am follais gun robh e a' faighinn airgead tro bhith a leigeil pàirt den oifis roinn-taghaidh aige air mhàl gun cead no gun a bhith ag innse mu dheidhinn mar a bu chòir.[2]
Bha e na chathraiche Coimisean Prìosanan na h-Alba a thug cunntas ann an 2008.[3]
Ceanglaichean a-machDeasaich
- They Work for You: Henry McLeish, former MSP (Beurla). Air a tharraing 3 am Màrt 2016.
- Pàrlamaid na h-Alba: Henry McLeish (Beurla). Air a tharraing 3 am Màrt 2016.
IomraidheanDeasaich
- ↑ Roth, Andrew: “Henry McLeish”, The Guardian. 16mh dhen Mhàrt 2001. Air a thogail 13mh dhen Iuchar 2017.
- ↑ “McLeish steps down”, BBC. 8mh dhen t-Samhain 2001. Air a thogail 13mh dhen Iuchar 2017.
- ↑ “Scottish Prisons Commission”. Riaghaltas na h-Alba. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2018.
Ceannardan a' Bhuidhinn Làbaraich sna Pàrlamaid na h-Alba | Dòmhnall Mac an Deòir (7 an Cèitean 1999 gu 11 an Dàmhair 2000), Eanraig MacGillÌosa (27 an Dàmhair 2000 gu 8 an t-Samhain 2001), Seac MacConaill (22 an t-Samhain 2001 gu 15 an Lùnastal 2007), Wendy NicAlasdair (14 an t-Sultain 2007 gu 28 an t-Ògmhios 2008), Iain Gray (13 an t-Sultain 2008 gu 17 an Dùbhlachd 2011) |
Ceannardan Pàrtaidh Làbarach na h-Alba | Seonag NicLaomainn (17 an Dùbhlachd 2011 gu 24 an Dàmhair 2014), Jim Murphy (13 an Dùbhlachd 2014 gu 13 an t-Òghmhios 2015), Kezia Dugdale (15 an Lùnastal 2015 gu 30 an Lùnastal 2017), Alex Rowley (eadar-amail, 30 an Lùnastal 2017 gu 15 an t-Samhain 2017), Richard Leonard (18 an t-Samhain 2017) |