ʼS e sgrìobhaiche agus neach-teagaisg a tha ann an Dòmhnall S. Moireach (1956-), sloinneadh Dòmhnall Aonghais Dhòmhnaill Steaphain. Tha e aʼ sgrìobhadh sa Ghàidhlig agus sa Bheurla. Rugadh e ann an 1956 ann an Hamilton, thogadh e ann an Dail bho Dheas, sgìre Nis ann an Leòdhas, agus tha e a-nis aʼ fuireach ann an Sealtainn.

Dòmhnall S. Moireach
Beatha
Breith Baile Hamaltan, 1956
Dùthaich  Alba
Àite-fuirich Sealtainn
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus neach-teagaisg
Gnè ealain bàrdachd

Choisinn e Caidreachas Robert Louis Stevenson, Caidreachas Jessie Kesson, agus fhuair e bursaraidh siubhail bho Alba Cruthachail airson rannsachadh a dhèanamh airson leabhar fiosrachaidh air gnìomhachas an sgadain. A dhà de na leabhraichean a sgrìobh e, SY StorY: A Portrait of Stornoway Harbour (ISBN 978-1-78027-260-3) agus The Guga Stone (ISBN 978-1-908373-74-8), bha iad air na Leabhraichean Nàdair na Bliadhna aig a' Ghuardian.[1]

Bha an cruinneachadh de sgeulachdan goirid leis Special Deliverance (ISBN ) san fharpais airson Duais Chomann Crann na Brataich. Tha e air deannan cruinneachaidhean bàrdachd fhoillseachadh, nam measg Between Minch And Muckle Flugga, Praising The Guga, Speak To Us Catriona, agus West Coasters a bha san fharpais airson Duais-chuimhneachain Chaluim Dhòmhnallaich. Sgrìobh e leabhraichean aithriseachd leithid The Guga Hunters agus And On This Rock: Italian Chapel, Orkney, agus cruinneachaidhean de bhàrdachd is sgeulachdan leithid Small Expectations. Dh'fhoillsich e Weaving Songs ann an 2011 (ISBN 978-0861523832) mar chomharrachadh air ceud bliadhna de dh' obair aʼ Chlò Mhòir. Sgrìobh e an dealbh-chluich Sequamur.[2]

Urraman deasaich

Choisinn e duais bho Chomann nan Ùghdaran ann an 2020 airson As the Women Lay Dreaming, nobhail mu tubaist HMY Iolaire.[3]

Ceanglaichean a-mach deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Moss, Stephen: “The best nature books of 2013”, The Guardian. 7mh dhen Dùbhlachd 2013. Air a thogail 7mh dhen Mhàrt 2018. 
  2. Sequamur”. e-Stòras. Air a thogail 7mh dhen Mhàrt 2018.
  3. Duais dha DS Moireach”, Naidheachdan a' BhBC. 18mh dhen Ògmhios 2020. Air a thogail 19mh dhen Ògmhios 2020.