'S e iacht a bh' anns an HMY An Iolaire. Chaidh a togail mar Iolanthe ann an 1881 le Ferguson's of Leith is b' e long-thoileachais a bh' innte ron Chogadh, nuair a chaidh gunnaichean a chur innte is chaidh i na bàta-faire timcheall air Sealtainn, Yarmouth is Portsmouth. Bha Mione is Amalthaea air mus chaidh ainmeachadh An Iolaire san Dàmhair 1918.[1]

HMY An Iolaire ann an 1908 nuair a bha Amalthaea air.

Tràth sa mhadainn Là na Bliadhna Ùire 1919, bha faisg air 300 daoine air bòrd, seòladairean agus saighdearan a bha a' tilleadh dhachaidh às dèidh an Chiad Chogaidh.[2] Faisg gu chladach Steòrnabhaigh, chaidh an Iolaire às an rathad agus chaidh a mhilleadh air Biastan Thuilm. Chaidh barrachd air 200 daoine bhàthadh.[3]

Carragh-chuimhne ann an Tolm, Leòdhas, airson na daoine a chaidh bhàthadh air an Iolaire

Call na h-Iolaire sa bhàrdachd Ghàidhlig

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. HMY Iolaire”. BBC. Air a thogail 28mh dhen Dùbhlachd 2018.
  2. http://www.bbc.co.uk/alba/tbh/iolaire/
  3. Iolaire: Cuimhneachain air tubaist na h-Iolaire”. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 28mh dhen Dùbhlachd 2018.
  4. Obair an luchd-ealain”. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 28mh dhen Dùbhlachd 2018.

Ceanglaichean a-mach

deasaich