Sequamur (dealbh-chluich)
'S e dealbh-chluich Gàidhlig a th’ ann an Sequamur.
Sgrìobhadh e le Dòmhnall S Moireach.
Tha an dealbh-chluich stèidhichte air fiosrachadh fìor agus tha e a' toirt iomradh air beatha an neach-foghlaim Leòdhasach, Uilleam Gibson, agus mun stiùireadh brosnachail a thug e dha iomadh òigear Innse Gallach airson an sgoil fhàgail agus a dhol dhan chogadh ann an 1914. 'S e facal-suaicheantais Sgoile MhicNeacail 'Sequamur' a tha a' ciallachadh 'Leanamaid'.[1]
'S e dealbh-chluich ioma-mheadhan a bh' ann agus e a’ tarraing còmhla ceòl agus earranan film a tha a’ toirt sealladh air sabaid agus air meòrachaidhean nan saighdearan. Aig deireadh gach tachartas, chaidh liosta cuimhneachail urramach a chur suas air sgrion le ainm nan saighdearan on sgìre sin a thuit san An Cogadh Mòr.
Chaidh an dealbh-chluiche air Cuairt Nàiseanta ann an 2015.
LÀITHEAN
- 5 Màrt 2015 - Glaschu, Cottiers Theatre 7:30pm
- 6 Màrt 2015 - Glaschu, Cottiers Theatre 1:30pm & 7:30pm
- 10 Màrt 2015 - Dùn Èideann, Summerhall 1:30pm & 7:30pm
- 11 Màrt 2015 - An t-Òban, Corran Halls 7:30pm
- 13 Màrt 2015 - Àird nan Saor, Fort George Chapel 1:30pm & 7:30pm
- 14 Màrt 2015 - Àird nan Saor, Fort George Chapel 7.30pm
- 17 Màrt 2015 - An t-Eilean Sgitheanach, Aros Centre 1:30pm & 7:30pm
- 18 Màrt 2015 - An t-Eilean Sgitheanach, Sabhal Mòr Ostaig 7:30pm
- 20 Màrt 2015 - Obar Dheathain, Queens Cross Church 1:30pm & 7:30pm
- 21 Màrt 2015 - Obar Dheathain, Linklater Room, Oilthigh Obar Dheathain 7:30pm
B’ e Iain MacRàth an stiùiriche, agus b’ iad na cleasaichean:
- Daibhidh Walker (Uilleam I Gibson)
- Donna Mhoireasdan (Mary Gibson, Mairead, Seònaid agus Mrs Finlayson)
- Aonghas Pàdraig Caimbeul (Iain MacRath, Peutanach, Baimbeulach, Saighdear gun ainm 2)
- Iain Beggs (Finlayson, Saighdear gun ainm 1)
- Seàn MacLeòid (Morrison, Paterson)
- Aonghas MacNeacail (Pìobaire)
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Làrach-lìn oifigeil Sgoil MhicNeacail”. Air a thogail 10mh dhen t-Sultain 2017.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Sequamur air Youtube (bhideo 49:33)
- Léirmheas san iris Dàna (2015-03-24)