Cuenca
Cuenca
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Cuenca | ||||
Sgìre | Castilla-La Mancha | ||||
Co-chomharran | 40° 04' 18' Tuath 02° 08' 06' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 61.18 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 55,428 (2009) | ||||
Dlùths | 905.98/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 969 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
’S e baile mòr faisg air Teruel ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Cuenca (IPA: kweŋka). Tha e suidhichte aig 946m os cionn ìre na mara,[1] 161km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 660km bho Bharcelona.[2] Tha 55,428 duine a’ fuireach ann an Cuenca.[3] 'S ann ainmeil air feadh an t-saoghail a tha e air sàilleabh na Taighean Crochte (Spàinntisː casas colgadas) a tha nan seasamh os cionn a' bhaile. A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Cuenca a th’ann cuideachd.
Freumhan an ainm
deasaichTha e coltach gur ann à قونكة (Qūnkatu) [4] ann an Arabais a tha an t-ainm, air sàilleabh gu robh dùn os cionn a'bhaile fhèin, nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Arabach.Tha fuaimneachadh an ainm air atharrachadh fad nan linntean, a' call an ق (qaf) agus an t-iar-leasachan -tu, a' toirt dhuinn Conca ann an Catalanais agus Cuenca Spàinntis. Tha an fhuaimreag o air atharrachadh dhan dhà-fhoghair ue (/ɔ/ gu /wo/), rud a tha a' tachairt daonnan sa chànan sin.[5]
Eachdraidh
deasaichThathar dhen bheachd gun do ràinig na daoine dhan àite seo o chionn 90,000 bliadhna. B' e na Ceilt-ibearaich a bh' ann mus tug na Ròmaich seilbh air an Spàinn air fadː chandah Lobetum ris aig an àm.[6] Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[7] Cha do thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach ach aig deireadh Cogadh Sìobhalta na Spàinne air 29 am Màrt 1939, trì latha mus do bhuannaich Francisco Franco.[8]
Cruinn-eòlas
deasaichA rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Cuenca.[9] Cha tuit ach 476mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 794mm nas lugha na Steòrnabhagh - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann:
Bailtean Co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Aemet
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Herráiz Gascueña M.G., Ruta de las Rondas, 7 paseos por Cuenca, Ayuntamiento de Cuenca, 2008.
- ↑ Boletín de Filología
- ↑ Cuevas, Pedro José (2000). «Pobladores». Cuenca. Cuenca: Alfonsípolis
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Cerdán de Landa J., La Guerra en Cuencaː Crónica Urgente de la Guerra Civil en 1936, Llanura, 2011, ISBN 9788495685346
- ↑ Climate Data