Cuacos de Yuste
Cuacos de Yuste
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Cáceres | ||||
Sgìre | Extremadura | ||||
Co-chomharran | 40° 06' 30 Tuath 05° 43' 22 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 52.6 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 851 (2020) | ||||
Dlùths | 16.18/km² | ||||
Àireamh fòn | + 00 927 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.cuacosdeyuste.es/ |
'S e baile beag faisg air Plasencia, air an àirde an iar na Spàinne, suidhichte aig 519m os cionn ìre na mara, 's a th' ann an Cuacos de Yuste (seann ainm: San Yuste). Tha am baile rim faotainn ri taobh na h-Aibhne Cuacos. 'S ann ann an roinn Cáceres, ann an Extremadura a tha e. Chan eil ach 851 daoine a’ fuireach anns a' bhaile an latha an-diugh.[1] 'S ann crochte 's air turasachd agus àiteachas 's a tha eaconomaidh a' bhaile, gu seachd-àraidh fìogaisean, piobaran-tiolaidh, sirisean, tombaca agus sùbhan-lìn.
Eachdraidh
deasaich'S ann ainmeil san Spàinn 's a tha Cuacos de Yuste, leis gun do chaochail Teàrlach V, Iompaire Naomh Ròmanach le mailèiria agus guta san abaid an seo ann an 1558.[2] Chaidh an abais a stèidheachadh ann an 1408. Tha gach uile Gearmailteach a chaochail fo armachd san Spàinn sa Chogadh Mhòr agus An Dàrna Cogadh - 180 dhuibh air fad - air adhlacadh ann an cladh sònraichte ann an Cuacos de Yuste.[3] Chaidh an cladh dhealbhadh ann an 1979.
Àireamh-sluaigh
deasaichMar iomadh sgìre dhùthaich a-staigh san tìr anns an Spàinn, tha dì-dhaoineachadh na thriobaid ann an Cuacos de Yuste. Bha 1,440 duine a' fuireach an ron Chogadh Sìobhalta.[4]
Bliadhna | 1981 | 1991 | 2001 | 2011 | 2017 |
Muinntir | 1034 | 975 | 949 | 897 | 851 |