'S e Pàganachd Lochlannach (ann an Seann Lochlannais: heidindomr, Innis-Tìlis: heiðindómur) an teirm a thathar a' cheachdadh airson cunntas a thoirt air traidiseanan creideimh cumanta am measg nan treubhan Gearmailteach a bha a ’fuireach anns na dùthchannan Lochlannach mus tàinig Crìosdaidheachd gu ceann a tuath na Roinn Eòrpa. B' e gu robh pàganachd Lochlannach ceangailte ri pàganachd Gearmailteach air fad, a chitheadh air feadh na Roinn Eòrpa far an robh treubhan Gearmailteach a' fuireach ann. O chionns gu robh na Lochlannaich a' fuireach ann an àiteachan an ìre mhath fada air falbh on eaglais air an iomall, cha do leig iad seachad an cuid seann chreideamhan gus an 10mh Linn. Chaidh eòlas làithreach mu phàganachd Lochlannach a thoirt a-steach le toraidhean àrsaidheachd, freumh-fhaclach, agus stuthan sgrìobhte aig an àm. Bhathar a' creisdin ann an iomadh dia an àite aon dhuibh, rud air a bheil ioma-dhiadhachd.

Iomraidhean

deasaich


Ceanglaichean a-muigh

deasaich
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: