Colombey-les-Deux-Églises
Colombey-les-Deux-Églises
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Fhraing | ||||
Ceàrn | Champagne-Ardennes | ||||
Sgìre | Haute-Marne | ||||
Co-chomharran | 48° 13’ 27 Tuath 04° 53′ 12 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 73.63 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 688 (2006) | ||||
Dlùths | 9.34/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile beag air àirde an ear-tuath na Frainge a th’ ann an Colombey-les-Deux-Églises (IPA: kɔlɔ̃bɛ le døz:eɡliz). Tha e suidhichte aig 347m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne Blaise, anns an sgìre (Fraingis: Département) Haute Marne anns an roinn (Fraingis: Région) Champagne-Ardennes, 201km air falbh bho Pharis, prìomh-bhaile na dùthcha, agus 300km bho Lille.[2] Tha àireamh-sluaigh dhe 688 aig a’ bhaile.[3] 'S ann às an fhacal Laideann columbarium (taigh-chalman) a tha an t-ainm. Chaidh an t-ainm atharrachadh aig àm Ar-a-mach na Frainge bho Colombey-La-Montagne (Taigh-chalman na Beinne) gu Colombey-les-Deux-Églises (Taigh-chalman leis an dà eaglais).
Daoine Ainmeil
deasaich- Chaochail Charles de Gaulle an seo ann an 1970.