B’ Charles André Joseph Marie De Gaulle, (Lille,[1] 22 an t-Samhain 18909 an t-Samhain Colombey-les-Deux-Églises 1970) seanailear Frangach agus stàitire a bha os cionn feachdan Saora na Frainge ri linn an Dàrna Cogaidh. Stèidhich e 5mh Poblachd na Frainge ann an 1958 is bha e na cheann-suidhe bho 1959 gu ruige 1969. S’ e Général de Gaulle neo gu sìmplidh Le Général an t-ainm a tha airsan anns an Fhraing, ged an tug a chuid nàimhdean am far-ainm "La Grande Zhora" air.

Charles de Gaulle
president (en) Translate

18 dhen Ògmhios 1940 - 3 dhen Iuchar 1944
← no value - no value →
1. ceann-suidhe Riaghaltas Sealadach Poblachd na Frainge

3 dhen Ògmhios 1944 - 20 dhen Fhaoilleach 1946
Philippe Pétain, Pierre Laval (en) Translate - Félix Gouin (mul) Translate
French co-prince of Andorra (en) Translate

20 dhen Lùnastal 1944 - 20 dhen Fhaoilleach 1946
Philippe Pétain - Félix Gouin (mul) Translate
Minister of National Defence (en) Translate

1 dhen Ògmhios 1958 - 8 dhen Fhaoilleach 1959
Pierre de Chevigné (en) Translate - Pierre Guillaumat (mul) Translate
Ceann-suidhe na Comhairle

1 dhen Ògmhios 1958 - 8 dhen Fhaoilleach 1959
Pierre Pflimlin (mul) Translate - Michel Debré (mul) Translate
French co-prince of Andorra (en) Translate

8 dhen Fhaoilleach 1959 - 28 dhen Ghiblean 1969
René Coty (en) Translate - Alain Poher
President of the French Republic (en) Translate

8 dhen Fhaoilleach 1959 - 28 dhen Ghiblean 1969
René Coty (en) Translate - Alain Poher
Beatha
Ainm slàn Charles André Joseph Marie de Gaulle
Breith Lille, 22 dhen t-Samhain 1890
Dùthaich  An Fhraing
Àite-fuirich Lùchairt na h-Élysée
Ciad chànan Fraingis
Bàs Colombey-les-Deux-Églises, 9 dhen t-Samhain 1970
Àite-adhlacaidh grave of Charles de Gaulle (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (aneurysm (en) Translate)
Teaghlach
Athair Henri de Gaulle
Màthair Jeanne Maillot
Cèile Yvonne de Gaulle (mul) Translate  (1921 -  1970)
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine de Gaulle family (en) Translate
Foghlam
Foghlam École Spéciale Militaire de Saint-Cyr (en) Translate
Collège Stanislas de Paris (en) Translate
École supérieure de guerre (en) Translate
Cànain Fraingis
Dreuchd
Dreuchd stàitire, beatha-aisneisiche, military theorist (en) Translate, oifigear agus neach-poileataigs
Àitichean-obrach Ingolstadt (en) Translate, Wülzburg (en) Translate agus An Fhraing
Obraichean comharraichte Mémoires de guerre (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Buaidh Philippe Pétain agus Charles Maurras
Ballrachd Ordre Nouveau (en) Translate
Far-ainmean Charles de Lugale
Seirbheis san arm
Meur an airm French Army (en) Translate
Free France (en) Translate
Ìre seanalair bragàid
Strì An Cogadh Mòr
Algerian War (en) Translate
An Dàrna Cogadh
Battle of Verdun (en) Translate
Polish–Soviet War (en) Translate
Battle of France (en) Translate
Battle of Dakar (en) Translate
Battle of Gabon (en) Translate
Liberation of Paris (en) Translate
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
Pàrtaidh poileataigeach Aonadh nan Deamocratach airson na Poblachd
Cruinneachadh Muinntir na Frainge
IMDb nm0208540

Teaghlach agus Foghlam

deasaich

S’ e mac Henri de Gaulle (18481932), saighdear agus mhaighstir sgoile agus Jeanne Maillot (18601940) a bh’ ann. Bha an teaghlach aige uabhasach caitligeach. Phòs athair ris a’ cho-ogha Jeanne ann an 1886. Bha freumhan iar-fhlaitheach à Normandaidh agus Burgundaidh aige a bharrachd air na Mac Cartan à Èirinn,[2] agus s’ e ollamh ceilteach ainmeil a bh’ ann bràthair-athar. Chaidh e dhan sgoil Stanislas ann an Paris. Leugh de Gaulle Maurice Barrès, Henri Bergson agus Charles Péguy. Bha e na oileanach aig an Sgoil Saighdearachd Saint-Cyr bho 1908 gu ruige 1912. Chaidh e dhan 33mh rèisimeid-coise an dèidh sin, is e fon sheanailear Philippe Pétain. Phòs e ri Yvonne Charlotte Anne Marie Vendroux ann an 1921 is fhuair iad triùir duine-chloinne, Philippe (a rugadh ann an 1921), Élisabeth (a rugadh ann an 1924) agus Anne (19281948). Bha sionndram Downs aig Anne.

Ro 1940

deasaich

Ghabh e pàirt mar shaighdear anns A’ Chogadh Mhòr. Fhuair e deagh chliù ri linn a’ chogaidh sin. Chaidh e leòinte iomadh turas agus dh’fhàs e a bhith na chaiptean. Chaidh e a chur an greim leis na Gearmailtich aig Verdun ann an 1916, ach dh’fheuch e ri teiche air ais dhan chogadh còig tursan.[3] Ghabh e pàirt ann an cogadh ri taobh na Pòlainnich an aghaidh na Ruisianich eadar 1919 agus 1921. Bha e an sàs fad na 20an is na 30an anns an iomairt airson tancaichean is plèanaichean cogaidh a bhrosnachadh, is e dhen bheachd gum biodh an stuth seo an dòigh na b’ fheàrr airson staing cogadh na trainnsichean a sheachnadh anns na làithean ri teachd. Fiù ’s sgrìobh e leabhraichean mun chuspair. Gu mì-fhortanach, cha robh seanailearan na Frainge air an aon ràmh is thog iad mur dìon, La Ligne Maginot, an aghaidh tancaichean is plèanaichean fhaighinn. Bha na smuaintean aige glè chudromach dha na Gearmailtich agus chleachd iad na sgrìobh de Gaulle an aghaidh na Frainge anns a’ Chogadh Thàirneanaich (Gearmailtis: Blitzkreig). Sgrìobh e leabhar mu dheidhinn a’ chogaidh ùire, Vers l’Armée de Métier ('Gu ruige Arm proifeiseanta') (1934).[4]

An Dàrna Cogaidh

deasaich

Ri linn an Dàrna Cogaidh, chaidh e ainmeachadh na cheann-fheadhna eadar-amail,[4] is e os cionn ionnsaighean soirbheachail le tancaichean an aghaidh na Gearmailtich ann an 1940.[5] An dèidh Tuiteam na Frainge, theich e na fhògarrach gu Sasainn is chuir e air dòigh Feachdan Saora na Frainge (Fraingis: Forces Française Libres) còmhla ri feadhainn bhon riaghaltas a bha nam fògarraich thall ann an Lunnainn cuideachd. Bha na mìltean dhe Fraingich nam fògarraich thall thairis aig an àm an dèidh Dunkirk. Thall ann an Sasainn, rinn e òraid ainmeil, ris an canar A’ Ghairm (Fraingis: L’Appel) air an rèidio air an 18mh latha dhen Ògmhios 1940,[6] is e ag iarraidh air an nàisean a chur an aghaidh na Gearmailtich Nàsach. Thuirt e: “Tha an Fhraing air batail a chall, ach chan eil An Fhraing air an cogadh a chall fhathast”.[7] Ghabh e pàirt mar cheannard nam Frangach anns na h-iomairtean an aghaidh nan Nàsach air feadh na Roinne Eòrpa agus chaidh e a-steach gu Paris air 25mh latha dhen Lùnastal 1944.[8] Bha e na phrìomhaire ann an riaghaltas eadar-amail na Frainge an dèidh an t-Saoraidh ann an 1944 is chuir e na feachdan aige air ais do Vietnam, Cambodia agus Laos, a bha airson a bhith an cuid neo-eisimeileachd a ghairm bhon an Fhraing.[9] Leig e dheth am poileataigs ann an 1944, air sàilleabh sabaidean poileataigeach is chuir e seachad dà bhliadhna deug far a’ bheatha phoblach.

Poileataigs

deasaich

Thill e dhan riaghaltas le taic bho na seanailearan airson staing phoileataigeach a sheachnadh ann An Cèitean 1958.[1] Stiùirich e sgrìobhadh Bun-reachd ùr gus Còigeamh Poblachd na Frainge a stèidheachadh, is chaidh e a thaghadh mar cheann-suidhe an ath-bhliadhna. Mar cheann-suidhe na dùthcha, chuir Charles de Gaulle stad air a’ mhì-riaghailt phoileataigeach agus an ainneart a bh’ann mus do thill e dhan riaghaltas. Aig an toiseach chuireadh e taic dhan riaghaltas Frangach ann an Aildiria ach, gu connspaideach, cho-dhùin e neo-eisimeileachd a thoirt gu Aildiria mu dheireadh thall. Chuir sin stad air cogadh cosgail mì-chòrdte, ach bha An Fhraing air a sgaradh. Dh’ùraich e an t-airgead ann Am Faoilleach 1960 airson smachd a ghabhail air na h-atmhorachd is gus fàs a thoirt dhan eaconomaidh.[10] Bha De Gaulle an sàs ann an leasachadh na h-armachd niùclasach agus bhrosnachadh e poileasaidhean airson an Roinn Eòrpa gu lèir, is e a’ feuchainn ri buaidh Na Stàitean Aonaichte is Sasainn a lùghdachadh. Thug e An Fhraing à NATO,[1] is bha e an aghaidh gun d’fhuair An Rìoghachd Aonaichte ballrachd Coimhearsnachd na Roinn Eòrpa. Choinnich e An t-Sìona Comunnach.[4] Aig deireadh na cùise, bha e cho connspaideach gun d’fhuair e dubh-chàineadh bho na luchd-dùbhlain, gu h-àraidh na Comannaich is na Sòisealaich, is b’ fheudar dha trioblaidean mòra a shabaid ann An Cèitean 1968, is na h-oileanaich is na luchd-obrach a’ togail fianais anns na sràidean. Leig e dheth a dreuchd ann an 1969,[11] ach ‘s e an ceannard poileataigeach na Frainge as chudromaiche nar làithean gus an latha an-diugh a bh’ ann.

A bharrachd air sin stèidhich e deagh chàirdeas eadar An Fhraing agus A’ Ghearmailt, air an togadh Aonadh na Roinne Eòrpa.[12] Bha connspaideach thall ann an Canada far an tuirt e gu poblach gu robh e airson neo-eisimeileachd Quebec is e air turas oifigeil aig an àm.[13]

Chaochail de Gaulle aig an taigh ann an Colombey-les-Deux-Églises air an 9mh latha dhen Shamhain 1970 le at-cuisle.[1] Bha e faisg air a bhith ochdad bliadhna a dh’aois. Nuair a bhàsaich e thuirt ceann-suidhe na dùthcha gu robh An Fhraing na banntrach às aonais de Gaulle.

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 Historic Figures - Charles de Gaulle - (1890 - 1970)”. BBC. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2020.
  2. Marcq, Michel (2001): “La Famille de Gaulle”. Fondation Charles de Gaulle. Air a thasglannadh [o http://www.charles-de-gaulle.org/pages/l-homme/dossiers-thematiques/1890-1940-la-genese/jeunesse-et-formation/analyses/la-famille-de-gaulle.php] 10mh dhen Chèitean 2017. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2020.
  3. d'Escrienne, Jean: “Le jeune officier et l'expérience du feu”. Fondation Charles de Gaulle. Air a thasglannadh [o http://www.charles-de-gaulle.org/pages/l-homme/dossiers-thematiques/1890-1940-la-genese/la-grande-guerre/analyses/le-jeune-officier-et-l-experience-du-feu.php] 26mh dhen Ghiblean 2017. Air a thogail 22mh dhen Iuchar 2020.
  4. 4.0 4.1 4.2 DeLong, J. Bradford: “Charles de Gaulle”. Air a thasglannadh [o http://www.j-bradford-delong.net/tceh/charlesdegaulle.html] 5mh dhen Mhàrt 2016. Air a thogail 17mh dhen Iuchar 2020.
  5. Delpla, François: “Les 10 jours qui ébranlèrent la France”. Fondation Charles de Gaulle. Air a thasglannadh [o http://www.charles-de-gaulle.org/pages/l-homme/dossiers-thematiques/1940-1944-la-seconde-guerre-mondiale/l-appel-du-18-juin/analyses/les-10-jours-qui-ebranlerent-la-france.php] 14mh dhen Ògmhios 2017. Air a thogail 22mh dhen Iuchar 2020.
  6. L’appel du 18 juin 1940”. Fondation de la France Libre. Air a thogail 22mh dhen Iuchar 2020.
  7. La France a perdu une bataille! Mais la France n'a pas perdu la guerre! General de Gaulle. Aux armes Citoyens! Formez vos bataillons ... Pour tous renseignements S'addresser a France Forever.”. Cruinneachadh Hoover, Oilthigh Stanford. Air a thogail 22mh dhen Iuchar 2020.
  8. Charles de Gaulle”. Fondation Charles de Gaulle. Air a thasglannadh [o http://www.charles-de-gaulle.org/pages/l-homme/dossiers-thematiques/1940-1944-la-seconde-guerre-mondiale/l-appel-du-18-juin/temoignages/charles-de-gaulle.php] 14mh dhen Ògmhios 2017. Air a thogail 22mh dhen Iuchar 2020.
  9. Dignat, Alban: “19 décembre 1946 - Première guerre d'Indochine”, Herodote. 29mh dhen Lùnasdal 2019. Air a thogail 22mh dhen Iuchar 2020. 
  10. Ordonnance n°58-1341 du 27 décembre 1958 NOUVEAU FRANC”. Legifrance. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2020.
  11. 1969: President Charles de Gaulle resigns”. Ann an: On This Day, BBC. Air a thogail 22mh dhen Iuchar 2020. 
  12. Anceau, Eric (8mh dhen Dùbhlachd 2016): De Gaulle and Europe. Encyclopédie pour une histoire nouvelle de l'Europe. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2020. 
  13. Bellamare, Andrea: “Charles de Gaulle's infamous 'Vive le Québec libre' speech feted, 50 years on”, CBC. 24mh dhen Iuchar 2017. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2020.