B' e Alasdair III (4 an t-Sultain 124119 am Màrt 1286) na Rìgh na h-Alba eadar 1249 is 1286. B' e rìgh làidir a bh' ann an Alasdair agus bha àm air an cathrach-rìoghal mar bu trice glè sìtheil. Aig an àm seo bha buaidh làidir Ceilteach ann an Alba fhathast agus ceangal ri Sasainn oir bha nighean rìgh Shasainn – Èideard I – am bana-phrionnsa Mairead, aig Alasdair mar bhean.

Alasdair III na h-Alba
monarc na h-Alba

6 dhen Iuchar 1249 - 19 dhen Mhàrt 1286
Alasdair II na h-Alba - Margaret, Maid of Norway (en) Translate
Beatha
Breith Rosbrog, 11 dhen t-Sultain 1241 (Gregorian)
Dùthaich  Rìoghachd na h-Alba
Bàs Fìobha, 26 dhen Mhàrt 1286 (Gregorian)
Àite-adhlacaidh Abaid Dhùn Phàrlain
Nàdar a’ bhàis accidental death (en) Translate (tuiteam far eich)
Teaghlach
Athair Alasdair II na h-Alba
Màthair Marie de Coucy
Cèile Margaret of England (mul) Translate  (26 dhen Dùbhlachd 1251 (Gregorian) -  1275)
Yolande of Dreux (en) Translate  (1 dhen t-Samhain 1285 (Gregorian) -  1286)
Clann
Fine Taigh Dhùn Chailleann
Foghlam
Cànain Meadhan-Bheurla
Dreuchd
Dreuchd monarc
Àitichean-obrach Alba
Seirbheis san arm
Strì Cogaidhean Neo-eisimeileachd na h-Alba

'Se rìgh cho cumhachdach 'sa lorgadh tu aig àm no àite sam bith ann an eachdraidh a bh' ann an Èideard I. Bha e mur tha air ionnsaigh a thoirt air Èirinn agus a' Chuimrigh leis a Chuimrigh a nis mar aon de na roinnean aig Sasainn. Thoisich cùisean a fàs nas miosa an deidh do bean agus mic Alasdair bàsachadh ann an tìde ghoirid. Bha seo a fàgail Rìgh na h-Alba as aonais mac a leanadh e agus e dà fhichead sa còig bliadhna a dh'aois.

Dh'ionnsaigh e an t-Eilean Sgitheanach ann an 1262 is shabaid a fheachdan ri feachdan Nirribhidh faisg air an Leargaidh Ghallda ann an 1264. Chaochail Rìgh Nirribhidh, Haakon, ann am Baile na h-Eaglaise sa gheamhradh is dh'aontaich a mhac, Rìgh Magnus, ri Alasdair, anns a' Chùmhnant Pheairt, gun deach na h-Eileanan Siar is Eilean Mhanainn nam pàirtean na h-Alba.[1]

Phòs e a rithist aig Abaid Jedburgh ri nighean òg brèagha den ainm Yolande de Dreux.[1] Air an dara latha deug den Mhàirt 1286 bhàsaich Rìgh Alasdair. Bha e air tilleadh bho Caisteal Dhùn Èideann gu Ceann Gronna far an robh a mhnaoi. Ged a bha na h-uaislean is thriathan a bha còmhla ris aig iarraidh air fuireach gu fàsadh an aimsir nas fheàrr sa mhaidinn chan èisdeadh e rubha. Chaill e a chompanaich san dorchadas agus an ath mhaidinn lorg iad a chorp aig bonn bearraidh. Dh'fhàg seo Alba gun rìgh agus rinn Èideard a h-uile oidhirp smachd fhaighinn air Alba agus is ann mar seo a thoisich linn de chreach agus sabaid eadar an dà rìoghachd.

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 BBC - Scotland's History - Alexander III, King of Scots”. BBC. Air a thogail 16mh dhen Chèitean 2018.

Aistean co-cheangailte

deasaich