Coinneach Mac an Tòisich

'S e neach-poileataigs na h-Alba a tha ann an Coinneach Mac an Tòisich BPA (Beurla: Ken Macintosh). Rugadh e air 15 am Faoilleach 1962 ann an Inbhir Nis is dh'ionnsaich e eachdraidh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Mus robh e sa Phàrlamaid, bha e na riochdaire telebhisein aig a’ BBC.[1] Bha e na bhall Pàrlamaid na h-Alba airson A' Choille Shear don Phàrtaidh Làbarach gu ruige Taghadh Albannach 2016 nuair a chaill e a sheat, ach chaidh a thaghadh mar bhall-liosta airson Alba an Iar. Thaghadh e mar oifigear-riaghlaidh na Pàrlamaide an dèidh Taghadh Albannach 2016 nuair a leig Tricia Màrabhaig dhith a dreuchd.[2] Ged a bha e na bhall den Phàrtaidh Làbarach na h-Alba, mar oifigear-riaghlaidh cha b’urrainn dha bhòtadh leis a phàrtaidh. Dh'fhàg e am Pàrlamaid ann an 2021.[3]

Coinneach Mac an Tòisich
Ken Macintosh 2021.jpg
Ball 1d Phàrlamaid na h-Alba

6 dhen Chèitean 1999 - 31 dhen Mhàrt 2003
Sgìre: A' Choille Shear
Taghadh: Taghadh Albannach 1999
Ball 2na Pàrlamaid na h-Alba

1 dhen Chèitean 2003 - 2 dhen Ghiblean 2007
Sgìre: A' Choille Shear
Taghadh: Taghadh Albannach 2003
Ball 3s Pàrlamaid na h-Alba

3 dhen Chèitean 2007 - 22 dhen Mhàrt 2011
Sgìre: A' Choille Shear
Taghadh: Taghadh Albannach 2007
Ball 4mh Pàrlamaid na h-Alba

5 dhen Chèitean 2011 - 24 dhen Mhàrt 2016
Sgìre: A' Choille Shear
Taghadh: Taghadh Albannach 2011
Ball 5mh Pàrlamaid na h-Alba

5 dhen Chèitean 2016 - 12 dhen Chèitean 2016
Sgìre: Alba an Iar
Taghadh: Taghadh Albannach 2016
Oifigear-riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba

12 dhen Chèitean 2016 -
Ball 5mh Pàrlamaid na h-Alba

12 dhen Chèitean 2016 - 5 dhen Chèitean 2021
Sgìre: Alba an Iar
Beatha
Breith Inbhir Nis, 15 dhen Fhaoilleach 1962
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
An Àrd-sgoil Rìoghail
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus riochdaire telebhisein
Fastaichean BBC
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Làbarach na h-Alba
Am Pàrtaidh Làbarach

Bha athair, Fearchar Mac an Tòisich nach maireann, cudromach ann am foghlam Gàidhlig is bha e na chathraiche air Bòrd nan Urrasairean aig t-Sabhail Mòr Ostaig.[4]

Ceanglaichean a-machEdit

IomraidheanEdit

  1. Personal Information(Beurla). Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 14mh dhen Chèitean 2016.
  2. Ken Macintosh chosen as Holyrood presiding officer”. 12mh dhen Ògmhios 2016. Air a thogail 17mh dhen Iuchar 2017. 
  3. Rhodes, Mandy: “Return of the Mac: a view of the Scottish Parliament from retiring presiding officer Ken Macintosh”, Holyrood. 6mh dhen Ghiblean 2021. Air a thogail 17mh dhen Ògmhios 2021. 
  4. Dr Farquhar Macintosh(Beurla), An t-Albannach. 27mh dhen t-Samhain 2007. Air a thasglannadh [o http://www.scotsman.com/news/obituaries/dr_farquhar_macintosh_1_701347] 28mh dhen Dùbhlachd 2018. Air a thogail 18mh dhen Ògmhios 2021.