Coinneach
'S e ainm Gàidhlig a th' ann an Coinneach. [1] [2] [3] 'S e ainm baistidh fireann a th' ann. Chaidh e a-steach don Bheurla mar Kenneth [4]. Ach feumar a bhith faiceallach leis an ainm seo, air sgàth 's gun deach an t-ainm "Cinaed" a steach don Bheurla mar Kenneth cuideachd. [4]
Bunachas
deasaich'S e ainm Gàidhlig tradaiseanta a th' ann an Coinneach a tha gu math cumanta air a' Ghàidhealtachd [5] Is dòcha gu bheil e a’ ciallachadh "duine bàn, eireachdail". [5] Nochd an t-ainm seo ann an Leabhar Dhèir anns an 12mh linn mar "Cainnech mac Meic Dobarcon", "Comgell mac Caennaig, taesec Clande Canan", agus "Gartnait mac Cannech". [6]
Cruthan eile
deasaichNochdaidh an t-ainm seo mar Cainneach [7][8] no Cainnech[4] cuideachd.
Thèid Coinneach a chleachdadh mar ainm sloinnidh cuideachd: Mac Coinnich no MacKenzie anns a' Bheurla [5]
'S e Céineag am meanbh-ainm a th' ann, nochdaidh e ann am Beurla mar "Kenny" [7]. Chithear cruth eile den ainm Kenny ann an Ros an Iar mar Cadhan. [7]
Daoine ainmeil air a bheil an t-ainm "Coinneach"
deasaichgu eachdraidheil
deasaich- Coinneach mac Ailpein no ainm eile: Cináed mac Ailpín, rìgh na Dail Riata agus Rex Pictorum
- Coinneach mac Mhaoil Chaluim, no: Cináed mac Maíl Choluim
- Coinneach mac Dhuibh no: Cináed mac Duib
- Coinneach Odhar
san latha an-diugh
deasaich- Coinneach MacAsgaill
- Coinneach MacIomhair
- Coinneach MacFhionghuin
- Coinneach MacGuaire
- Coinneach MacLeòid
- Coinneach Mac an Tòisich
mar Kenneth
deasaichFaic cuideachd
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Mac Farlane, Malcom (1912). "The School Gaelic Dictionary prepared for the use of learners of the Gaelic language". E. Mackay. d.144
- ↑ MacLeod, Rev. Norman & Rev. Daniel Dewar, A Dictionary of the Gaelic Language in Two Parts, 1831, d.1006
- ↑ Dwelly, Edward, (1994 [1901-11]) The Illustrated Gaelic-English Dictionary Glasgow: Gairm, dd.1103-1030.
- ↑ 4.0 4.1 4.2 Hanks, Patrick; Hodges, Flavia (2003), Oxford Dictionary of First Names (2na deas.). Oxford: Oxford University Press. d.191; ISBN 0-19-860764-4
- ↑ 5.0 5.1 5.2 Hanks, Patrick; Hodges, Flavia (2003), Oxford Dictionary of First Names (2na deas.). Oxford: Oxford University Press. d.68; ISBN 0-19-860764-4
- ↑ Sharon L. Krossa: Scottish Gaelic Given Names: For Men: Cainneach
- ↑ 7.0 7.1 7.2 Mac an Tàilleir, Iain. "Ainmean Pearsanta" (faidhle docx). Sabhal Mòr Ostaig. d.13
- ↑ Akerbeltz:. "Ainmean". Làrach-lìn aig Sabhal Mòr Ostaig.
{{cite web}}
: CS1 maint: extra punctuation (link)