Coinneach MacÌomhair
Tha Coinneach MacÌomhair na chraoladair sa Ghàidhlig. Bha e na dheasaiche a' Ghasaet Steornabhaigh agus tha e a' fuireach faisg air a' Bhac ann an Eilean Leòdhais.[1]
Coinneach MacÌomhair | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Col Uarach, 1950 |
Dùthaich | Alba |
Foghlam | |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | deasaiche pàipeir-naidheachd agus pearsa rèidio |
Uairean
deasaichTha Prògram Choinnich ri chluinntinn air BBC Radio nan Gaidheal bho Dhiluain gu Dihaoine, eadar 9m agus 10m. Tha ath-chraoladh den phrògram a' dol a-mach aig 9f den aon là.
Cuspair a' Phrògraim
deasaichTha am prògram ann an cruth "iris" mar as trice, le Coinneach a' togail cuspair (gu math tric, cuspair a th' anns na naidheachdan) agus aoidhean/eòlaichean aige airson deasbad a thogail co-cheangailte ris.
Aig amannan ge-tà tha Coinneach 's an sgioba a' falbh a-mach às an stiùidio airson prògram sònraichte a chlàradh air an dùthaich am badeigin.
An Sgioba
deasaichCoinneach MacÌomhair
deasaichLàrach-lìn a' phrògraim
deasaichTha làrach-lìn aig Prògram Choinnich far a bheil cothrom dealbhan de thachartasan sònraichte fhaicinn, beagan fiosrachaidh mun phrògram a leughadh, agus goireas "Èist a-rithist" a chleachdadh.
Iomraidhean
deasaich- ↑ "Kenny Maciver marks 20 years and 5,000 shows". www.stornowaygazette.co.uk (in Beurla). Retrieved 17 March 2017.