Cleachdaiche:Emain Macha/sandbox
Keir Starmer Álvaro Pacheco Álvarez
B' e tidsear, sgrìobhadair agus fear-deasachaidh a bh' ann an Alasdair Iain MacAsgaill (1922 - ?).[1]
B' ann à Bac, Leòdhas a bha e.
Eachdraidh-beatha
deasaichB'e ceannard na sgoile a bh'ann ann am Port Rìgh agus Callander.
Litreachas na Gàidhlig
deasaichObair-deasachaidh
deasaichDheasaich e Rosg nan Eilean (1966). Dheasaich e Luach na Saorsa (1970)
Dheasaich e leabhar bàrdachd Mhurchaidh MhicPhàrlain, An Toinneamh Dìomhair (1973)
Clàr-leabhraichean
deasaichFear-deasachaidh
deasaich- MacPhàrlain, Murchadh. (1973) An Toinneamh Dìomhair: Na h-Òrain aig Murchadh MacPhàrlain, Bàrd Mhealaboist, deas. Alasdair Iain MacAsgaill (Steòrnabhagh: Gasaet Steòrnabhaigh)
Iomraidhean
deasaich- ↑ Thomson, Derick (1994): “Alex John Macaskill”, The Companion to Gaelic Scotland. Glasgow: Gairm, td. 160.
- MacPhàrlain, Murchadh. (1973) An Toinneamh Dìomhair: Na h-Òrain aig Murchadh MacPhàrlain, Bàrd Mhealaboist, deas. Alasdair Iain MacAsgaill (Steòrnabhagh: Gasaet Steòrnabhaigh)
'S e tobhta agus caisteal a tha ann an Caisteal Tantallon.
Tha e suidhichte air chosta tuath Lodainn an Ear faisg air Bearaig a Tuath agus mu choinneamh Creige nam Bathais.
Tha e fo chùram na stàite o 1924.[1]
Eachdraidh a' Chaisteil
deasaichThogadh Caisteal Tantallon mu mheadhan an 14mh linn, is dòcha le Uilleam, Ciad Iarla Dhubhghlais. 'S ann on àm seo a tha am balla-cùirteir mòr agus gabhaidh rian fhaicinn fòs air na tha air fhàgail de na trì tùir mhòra a bha ceangailte ris a’ bhalla.[1]
Mu 1402, chaidh an teaghlach Dubhghlas na dhà mheur: Dearg is Dubh. Bha na Dubhghlasaich Dearga stèidhichte aig Tantallon agus thug iad an tiotail Iarlaichean Aonghais orra fhèin. Cumhachdach agus glòir-mhiannach, chum iad ceann a' mhaide ri rìghrean na h-Alba 's iad ag atharrachadh an dìlseachd gu bitheanta. Thàinig an ciad dùbhlan an 1491 nuair a bha iad ri foill, a' dèanamh plana Seumas òg IV a thoirt don rìgh Shasannach. B' e freagairt Sheumais Tantallon a chur fo shèiste o thìr 's o mhuir.[1]
Ann an 1525 phòs an 6mh iarla banntrach Sheumais IV. Bha e an uair sin na oide aig Seumas V òg. Chum an t-iarla Seumas fo ghlais ann an Caisteal Dhùn Èideann gu 1528 nuair a theich an rìgh òg. Thug Seumas V an uair sin ionnsaigh air Tantallon. Phronn a fheachdan an caisteal fad 20 latha agus an dèidh làimh thàinig air an iarla dol air fògradh.[1]
Sgriosadh e le General Monck ann an 1651 agus cha do ath-thog e riamh. Tha e a' bhuineadh a-nis do dh'Alba Aosmhor.[2]
Daoine ainmeil
deasaichRugadh Gavin Douglas, sàr-bhàrd Albannach, an seo.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- A' Rannsachadh Caisteal Tantallon. Fiosrachadh don Luchd-teagaisg bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba. (Gàidlig)
- Canmore: Tantallon Castle (Beurla)
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 1.2 1.3 Mackay, Elspeth (2009): A' Rannsachadh Caisteal Tantallon. Àrainneachd Eachdraidheil Alba, td. 2. Air a thogail 29mh dhen Chèitean 2017.
- ↑ Àrainneachd Eachdraidheil Alba: Tantallon Castle (Beurla). Air a tharraing 10 an t-Iuchar 2016.