Clann Chamshron
'S e Clann Chamshron aon de na cinnidhean as sìne ann an Alba[1], le fearann dualchasach ann an Loch Abar.
Meuran
deasaich'S e prìomh mheur a' chinnidh Loch Iall, agus is iad na fineachan eile Eireachd (le prìomh-athair Eòghann Camshron),[2] Na Cluainean, Gleann Nibheis, agus Am Fasadh Feàrna.
Tha caochladh bheachdan air tùs a' chinnidh. 'S e aon bheachd gun do tàinig an sliochd bho bhall Theaghlagh Rìoghail an Danmhairg, fear le sròn cam agus, mar sin, leis an leth-ainm Cam-shròn; 's e beachd eile gun do tàinig an sliochd à Fìobh agus gun d' fhuair iad an sloinneadh bho ainm sgìre an sin.
Anns na meadhan-aoisean, dh' aonaich na Camshronaich le trì cinnidhean eile, 's e sin MacMhàrtainn à Leitir Fhionnlaigh, MacGhillOnfhaidh às an t-Sròin agus MacShomairle à Gleann Nibheis.[3]
Ceann-cinnidh
deasaich'Se ainm traidiseanta a' ceann-feadhna Mac Dhòmhnaill Dhuibh (an t-ainm air tighinn bho' n t-sinnsear Dòmhnall Dubh (rugadh 1400), a' chiad cheann-feadhna air a bheilear cinnteach), no Loch Iall (bho' n loch a tha faisg air cathair a' chinnidh, Caisteal Achadh na Cairigh), a tha fhathast na àite-fuirich do Loch Iall.[4]
O thùs, b' e Tòrr a' Chaisteil cathair a' chinnidh. Chaidh a leagail le Eòghann Dubh Camshron, a thog Caisteal Achadh na Cairigh ann an 1655. Chaidh Achadh na Cairigh a lasadh leis na Hanoverians. Chaidh 'ath-thogadh le Dòmhnall Camshron ann an 1802.[5]
Eachdraidh a' chinnidh
deasaichB' e sluagh-ghairm a' chinnidh Chlanna nan con thigibh a seo is gheibh sibh feòil, agus am facal-suaicheantais Aonaibh Ri Chèile.
Coltach ris a' mhòr-chuid de chinneadhan Gàidhealach, bha Clann Chamshron an sàs ann am mòran cathannan troimh na linntean, mòran dhiubh an aghaidh an nàimhdean Clann an Tòisich. Gidheadh, shabaid iad leis a' chinneadh sin an aghaidh Clann Dòmhnaill aig Blàr Inbhir Lochaidh ann an 1431.
Shabaid na Camshronaich fo Eòghann Camshron aig Blàr Coille Chnagaidh ann an 1689.[6]
Ri linn Cogaidhean an Neo-eisimeileachd anns a' cheathramh linn deug, thathar a' creidsinn gun do shabaid Clann Chamshron air taobh Rìgh Raibeart am Brus an aghaidh nan Sasannach. Cuideachd, bha Clann Chamshron air taobh nan Seumasaich aig Prestonpans, Blàr na h-Eaglaise Brice (1746), agus Blàr Chùil Lodair. As dèidh Chùil Lodair, ghabh an ceann-feadhna, Dòmhnall Camshron, Gentle Lochiel, tèarmann anns an Fhraing, far an do chaochail e ann an 1748.
Iomraidhean
deasaich- ↑ "12404". Am Baile - Highland History and Culture.
- ↑ "Cameron of Erracht".
- ↑ "A History of Clan Cameron".
- ↑ "An Fhideag Airgid". www.smo.uhi.ac.uk. Sabhal Mòr Ostaig. Retrieved 13 April 2017.
- ↑ "Achnacarry". Clann Chamshron.
- ↑ "9613". Am Baile - Highland History and Culture.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- MacCoinnich, Iain, Eachdraidh a' Phrionnsa, no Bliadhna Theàrlaich, Thornton agus Collie (Dùn Èideann, 1845 - agus iomadach tionndadh às a dhèidh)
- Association Scotland
- Clann Chamshron air an eadar-lìn