B' e Cath Raon Ruairidh (Beurla: Battle of Killiecrankie) a' chiad bhlàr dhen a' chiad ar-a-mach a rinneadh le na Seumasaich air tìr-mòr Bhreatainn, ri linn mar a chaidh crùn Shasainn, Alba is Èirinn a thoirt air falbh bho Na Stiùbhartaich agus a bhuileachadh air Uilleam III is II. Chaidh am blàr a chur air 27 an t-Iuchair, 1689, faisg air Coille Chneagaidh ann an Siorrachd Pheairt. Bha Iain Greumach Claverhouse, Biocant Dhùn Dè, ris an canadh na Gàidheil "Claibhears", na cheannard air na Seumasaich, agus Seanailear Uisdean MacAoidh à Sgobharaidh os cionn feachd Rìgh Uilleim.

Claibhears

Am Blàr

deasaich

Nuair a chuala Claibhears gun robh MacAoidh a' dèanamh air Caisteal Blàr Athaill a bha Pàdraig Stiùbhart à Baile Eachainn a' ghlèidheadh airson nan Seumasach, chaidh e ri a shabaid le mu 2,400 saighdear. Am measg rèiseamaidean nam fineachan Gàidhlig air taobh nan Seumasach bha Clann MhicGillethain, Dòmhnallaich Chlann Raghnaill, Dòmhnallaich Ghleann Gharadh, Camshronaich Loch Iall, Dòmhnallaich Shlèite, agus Rob Ruadh MacGriogair (is e fhathast glè òg).

Bha aig MacAoidh leis an 3,500 saighdear aige ri dhol troimhe cadha Choille Chneagaidh, far a bheil Gleann Gar glè chumhang. Bha feachd Chlaibheirs ann roimhe is ga fheitheamh air an suidheachadh gu math suas leathad Raoin Ruairidh, beagan tuath air a' chadha. Chaidh feachd MhicAoidh a chur an òrdugh dìreach far a bheil rathad mòr an A9 an-diugh, is iad a' coimhead an ear-thuath suas leathad. Nuair a ràinig iad arm Claibheirs, thòisich iad ri losgadh orra, ach cha b' urrainn dhaibh ionnsaigh a chur orra suas am bruthach. An àite sin, aig seachd uairean feasgar thug na Gàidheil ionnsaigh orrasan a bha cho luath nach b' urrainn don fheachd MhicAoidh na beigneidean aca a chur air na gunnachan.

Chaidh an latha le na Seumasaich, ach chaidh Claibhears a mharbhadh le peilear, agus thugadh bàrr air na Seumasaich le feachdan an riaghaltais aig Blàr Dhùn Chailleann mìos às dèidh a' bhlàir seo.